Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
33
Jeanne D’Arc
suim agus brigh nam freagairtean a bha air an toirt
seachad le Jeanne gu’n robh i a’ lan chreidsinn san
Eaglais a bhos, ach, a thaobh a deanadais agus a
briathran, gu’n robh i a’ toirt geill agus iimhlachd
do Dhia a mhain ; nach sguireadh i de bhi a’ caith-
eamh aodaich fireannaich gus am faigheadh i aithne
o a Tighearn—uaithe-san a dh’ iarr oirre an toiseach
a leithid sin de sgeadach a ghabhail; nach d’rinn i
toibheum riamh an aghaidh Dhe no a chuid naomh ;
nach robh aice ri radh ma dheighinn nan “ guth-
annan ” agus nan “ seallaidhean ” a bh’ air an deon-
achadh dhi ach gu’n robh a comunn gu minic ris
an aingeal Micheil agus ris na naoimh Caitriona
agus Mairghearaid. Thuirt i nach b’urrainn i an corr
freagairt a thoirt seachad ged a shlaodadh iad a
corp as a cheile eadar eachaibh no ged a thilgeadh
iad beo i an teine lasrach.
Bha’n deuchainn agus an ceasnachadh so air
an deanamh gu follaiseach—am fianuis gach neach
a thogradh dol a dh’ eisdeachd. Bha cleirich an
lathair, agus chum iad cunntas air gach ni a chaidh
a radh agus a dheanamh. Bha a’ chuirt air a suidh-
eachadh, cha b’ann air son ceartais, ach air son na
Sasunnaich a thoileachadh le Jeanne a dhiteadh.
A dh’ aindeoin an cuid chuilbheartan, cha robh nan
comas cearb fhaighinn oirre, agus chaidh an deuchainn
fhollaiseach a thoirt gu crlch. B’e beachd nan uile