Skip to main content

‹‹‹ prev (35)

(37) next ›››

(36)
28
An Solaraiche
Bha builsgean a’ chogaidh a nis aig Melun, agus
bha am baile sin air a bhagradh gu searbh leis na
Sasunnaich. Cha robh a’ chuideachd a dh’ fhalbh
le Jeanne ro lionmhor—cha robh annta ach aireamh
bheag—ach ’nam measg bha a da bhrathair. Thug
na “ guthannan ” a nis dhi rabhadh gu’m biodh i air
a glacadh agus air a deanamh ’na priosanach uair-
eigin roimh Lath Fheill-Sheathain. Rinn i aon iirnaigh
eagalach gu’n leigeadh Dia leatha bas fhaghail an
uair a rachadh a toirt am braighdeanas. Do’n
athchuinge so cha d’fhuair i freagairt. Chuala i
gu’n robh Compiegne an gearr chunnart.
“ J’irai voir mes bons amis de Compiegne”
thuirt i.
Rainig i, agus an toiseach chaidh leatha gu math.
Ar leatha gu’n toireadh i buaidh a mach ach ionnas
'na h-aonar, ceart mar a rinn i aig St. Pierre-le-
Moutier. An uair a bha choltas oirre gu’m bu
leatha gun teagamh cliu an latha, ghabh earrann
de a cuid feachd eagal agus giorag gu’n robh iad
dol a bhi air an cuartachadh. Theann iad air an
ais an deannaibh ’nam bonn. Fhuair na naimhdean
chiocrach iadhadh mu Jeanne.
“ Rendez vous,” ghlaoidh iad gu feargach, a’
caitheamh oirre iomadh ainm gairisneach, breugach.
Rinn ridire sonruichte greim air cirb a cleoca, agus
spion e i thar an eich. Bha i a nis gu tur am meinn