Skip to main content

‹‹‹ prev (313)

(315) next ›››

(314)
Bdrdachd Ghaidhlig
Is comh-aois mise do’n daraig
Bha ’na faillein anns a’ mhointich :
Is iomadh linn a chuir mi romham,
Is gnr mi comhachag bhochd na Sroine.
A nis o’n a tha thu aosda,
Dean-sa t’fhaosaid ris an t-sagart;
Agus innis dha gun euradh
Gach aon sgeula d’a bheil agad.
Cha d’rinn mis© braid no breugan,
Cladh no tearmunn a bbriseadh ;
Air m’fbear fhein cha d’rinn mi iomluaa
Gur cailleach bhochd ionraic mis©.
Chunncas mac a’ Bhritheimh chalma
Agus Feargus mor an gaisgeach,
Is Torradan hath na Srbine :
Sin na laoich bha dbmhail taiceil.
O’n do thoisich thu ri seanchas
Is eiginn do leanmhainn na’s fhaide:
Gu’n robh an triuir sin air foghnadh
Mu’n robh Donnghail anns an Fhearsaid.
Chunnaic mi Alasdair Carrach,
An duin© as allail’ bha an Albainn;
Is minig a bha mi ’ga eisdeachd
Is © ag reitoach nan tom-s©alga.
Chunnaic mi Aonghas ’na dheaghaidh,
Cha b’e sin roghainn bu tajre ;
le ann ’san Fhearsaid bha a thuineadh.
Is rinn © muileann air Allt Laire.