Skip to main content

‹‹‹ prev (286)

(288) next ›››

(287)
Do Dhomhnall Gorm Og
223
Ge deireadh cha, dearmad dhuinn,
5935 Treigmid farmad is mi-run;
Mar ghadaiche an t-eug gu’n tig :
B’fhada leinn an sgeul a thainig.
An Geangcd
Thainig plaigh air daimh nan clarsach binn,
Tha gair-bhait© an ait© siol Chuinn;
5940 Tha mnai craiteach mu d’fhagail ’sa chill:
’S i mo ghradh do lamh laidir leis am b’abhaist bhith
leinn.
DO DHOMHNALL GORM OG MAC DHOMHNAILL
SHLEIBHTE
Iain MacDhomnnaill,
(Iain Lorn)
ante 1643
A Dhomhnaill an Ditin,
Mhic Ghille-easbuig nan tur,
Chaidh t’eineach ’s do chliu thar chach.
5945 Tha seirc ann do ghruaidh,
Caol mhala gun ghruaim,
Beul meachar o’n suairce gradh.
Bidh sud ort a’ triall:
Claidheamh sgaiteach gorm fiar.
Air uilinn bidh sgiath gun sgath.
Is a’ ghrabhailt mhath ur
Air a taghadh o’n bhuth,
B’i do roghainn an tue a’ bhlair.