Skip to main content

‹‹‹ prev (278)

(280) next ›››

(279)
Latha Inbhir Lochaidh
Ge b’e dhireadh Tom na h-Aire,
Bu lionmhor spog ur ann air dhroch shailleadh
Neul marbh air an suil gun anam,
An deidh an egiursadh le lannan.
Thug sibh toiteal teith mu Lbchaidh
Bhith 'gam bualadh mu na srbnaibh;
Bu lionmhor claidheamh claisghorm comhnard
Bha bualadh an lamhan Chlann Domhnaill.
Sin 'nuair chruinnich mdr dhragh na falachd,
An am rusgadh nan greidlein tana,
Bha iongnan nan Duibhneach ri talamh
An deidh an luithean a ghearradh.
Is lionmhor corp nochd gun aodach
Tha 'nan sineadh air Chnoc an Fhraoiche,
O’n bhlar an greasta na saoidhean
Gu ceann Litir Blar a’ Chaorainn.
Dh’innsinn sgeul eile le firinn
Cho math's ni cleireach a sgriobhadh,
Chaidh na laoich ud gu an dichioll,
Is ohuir iad maoim air luchd am mioruin.
Iain Mhuideartaich nan sebl soilleir,
Shebladh an cuan ri latha doilleir,
Ort cha d’fhuaradh bristeadh coinne:
B’aite learn Barr-breac fo d’ chomas.
Cha b’e eud an siubhal cearbach
A thug Alasdair do Albainn,
Creachadh losgadh agus marbh,adh,
Is leagadh leis coileach Shrath Bhalgaidh.