Skip to main content

‹‹‹ prev (269)

(271) next ›››

(270)
Bdrdachd Ghaidhlig
Chaidh do chist an tigh-geamhraidh,
Cha do bhrist thu a’ chno shamhna ;
Misneach fear Innse Gall thu,
Is mor is misd© do ranntaidh
Nach do chlisg thu roimh armailt,
Fhir bu mhea&aile an campa Mhontros.
Fhir bu rioghaile cleachda,
Is tu bu bhioganta faicinn,
Dol a sios am blar machrach
Bhiodh na. miltean mu d’ bhrataich;
Chuid bu phrased’ de’n eachdraidh,
Luchd do mhioruin na’n caiete ort
Is ann a dh’innste leo t’fhasan
An uair bu sgith leo cur sgapaidh ’nam feoil.
Cha bhiodh buannachd do d’ namhaid
Dol a dh’fhuasgladh uait lamhainn ;
Bha thu buadhach ’s gach ait©:
Cha b’e fuath mhic a mhaile
Fear do shnuadh theachd ’na fhardaich ;
Cha dath uaine bu bhlath dhuit,
An uair a bhuaileadh an t-ardan ad phor.
Gu’m b'aithriseach t’fhoum dhoibh
An am nan crannan a bheumadh,
Chum nan deannal a sheideadh,
Bhiodh lann tana chruaidh gh©ur ort,
Is tu fad la air an t-s©irm sin :
Cha tigeadh lagbhuille meirbh as do dhbrn.