Skip to main content

‹‹‹ prev (264)

(266) next ›››

(265)
lorram na Trumghe
Thug Dia dhuit mar ghibht
Bhith mordhalach glic;
Chriosd deonaich do d’shliochd bhith aghmhor.
Fhuair thu fortan o Dhia,
5385 Bean bu Bhocraiche ciall,
Is i gu foistinneach fial narach.
A bheil eineach is cliu,
Is i gun mhilleadh ’na cuis,
Is i gu h-iriosal ciuin cairdeil.
5390 I gun dolaidh fo’n ghrein
Gu toileachadh treud,
Is a folachd a reir banrighinn.
Is trie a riaraich thu cuilm
Gun fhiabhras gun tuilg,
5396 Nighean oighre Dhun-tuilm, slan dud.
IORRAM NA TRUAIGHE
Do IAIN MAC SHIR RUAIRIDH MHIC LEOID
a dh'tug ’sa bhliadhna 1649
Pol Crtjbach
floruit 1650
Is i so iorram na truaighe
Tha ’san uair so ’ga h-eigheach,
A liuthad glaodh tioma
Gun bhinneas r’a eisdeachd ;
64D° Ar Tighearna duthcha
Gun duil ri e eirigh,
Gach cuis am biodh cunnart
Is tu b’urrainn d’a reiteach.