Skip to main content

‹‹‹ prev (253)

(255) next ›››

(254)
190
Bardachd Ghdidhliy
Am fear nach duraig a h-ol
5 Gu’n tuit an t-suil air a’ bhord as;
Tha mo dhurachd do’n bigfhear,
Crann cubhraidh Chlann Domhnaill:
Righ nan dul bhith ’gad chomhnadh, fhir chacimh.
Greas mu’n cuairt feadh an tigh i,
1 Chnm gu’n gluaisinn le h-aighear,
Le sliochd uaabhreach an athar,
A choisinn buaidh leis a’ chlaidheamh:
Fion ’ga ruagadh ’s 'ga chaitheamh gu daor.
Sliochd a ghabhail nan steud thu
Dh’fhas gu flathasach feilidh,
De shliochd gasda Chuinn Cheudaich,
A bha tathaich an Eirinn;
Ged fhuair an claidheamh ’s an t-eug oirbh sgriob.
Bhiodh an t-iubhar ’ga lubadh
Aig do fhleasgaichean ura
Dol a shiubhal nan stucbheann,
Anns an uidhe gun churam
Leis a’ bhuidhinn roimh ’n ruisgte na gill.
Is tha mo dhuil anns an Trianaid
Ged thainig laigse air t’fhionfhuil.
Slat de’n chuilionn bha ciataeh,
Dh’fhas gu furanach fialaidh,
Shea-sadh duineil air bialaibh an righ.
An am dhuit gluasad o t’aitreabh
Le d’ chebl-cluaise agus caismeachd,
O thir uasal nan glascharn,
’G an robh cruadal is gaisge,
'G am bu shuaichneas barr gaganach fraoich.