Skip to main content

‹‹‹ prev (210)

(212) next ›››

(211)
Oran do Dhaoine Uaisle Araidh
147
“ Ag eirigh dhuinn neo-airtnaaJach
3955 Is biadh maidne dhol air bord,
Gheibhte gach ni riaghailteach
Bu mhiannach leat ’ga d’ choir;
Cha do chuir thu duil am priobairtich,
Cha b’fhiach leat ach ni mor;
3960 Bu chleachdadh air do dhinneir dhuit
Glaine fhiona mar ri cebl.
“ Am fear bha air a’ Chomraich
Bu chall soilleir dhuinn a bhas
Ann an cuisibh diulanais
3965 Cha b’ udail thu measg chaich ;
Lamh sgapaidh bir is airgid thu
Gun dearmad air luchd daimh
Is gu mionnaicheadh na clarsairean
Nach e bu taire laimh.
3970 “ Thug sinn ruaig gun soradh
Gu Coinneach mor nan cuach;
Bu duine iochdmhor tebchridheach e,
Is bu leomhannta e air sluagh ;
Bha urram uaisle is ceannais aige
3978 Air fearaibh an taobh tuath:
Ch^ chuirte as geall a chailleadh e
Gu an d’fhalaich oirnn e an uaigh.
“ O’n rinn an uaigh bhur glasadh orm
Is nach faic mi sibh le m’ shuil,
3980 Is cumhach cianail craiteach mi,
Is neo-ardanach mo shurd,