Skip to main content

‹‹‹ prev (200)

(202) next ›››

(201)
Gaoir nam Ban Muileach
157
Ad laimh threubhaich gu sgapadb;
Ged aach d’fhuair tbu air t’fhacal
An tir a bh’aig t’athair,
B’fhearr gu faigbeadh do mhac i:
An Righ g’ar coimhead o mhiosguinn ar namhad.
Sliochd nan righ ’s nan long siubhlach,
Nan ceanubheirt’s nan each cruidheach ;
Ged bu dileas do’n chrun sibh,
Fhuair iad sebl air bhur diuchradh;
Is mairg nach gabhadh dhibh curam
Ann an eirig ar siudain :
An uair nach d’aidmhich sibh tionndadh,
Is ann a rinn iad air aon long bhur fagail.
Go an neach ’ga bheil suilean
Nach gabhadh d’a ionnsaigh
Mar tha a’ choille air a rusgadh f
Fhrois a h-abhall ’s a h-ubhlan,
Dh’fhalbh am blath bharr gach ur ros,
O nach maireann an t-aonfhear
Fo laimh Dhe ghabh dhinn curam:
Is ann tha fuaegladh na cuise aig an Airdrigh.
Oirnne thainig an diobhail:
Tha Sir Iain a dhith oirnn,
Is Clann'Ghille-Eoin air an diobradh,
lad gun iteach gun linnidh,
Ach mar gheoidh air an spionadh—
Cha'n ’eil feum bhi ’ga innseadh—
Is iad am measg an luchd mioruin,
God nach ann ri feall-innleachd a bha iad.