Skip to main content

‹‹‹ prev (96)

(98) next ›››

(97)
Seanfhocail \a<jus Comhadan
Leig t’eallach air lar mu’n lag thu,
Ma dh’ aithnicheas tu t’eallach trom ;
Is mor gur fearr an cu a ruitheas
Na an cu a shuidheas air tom.
Bean thlachdmhor gun ghniomh gun ghleidheadh,
G© do thaitinn i ri t’shuil,
Ciod am feum ata an lann
Mur bi lamh air a cul ?
Pigheid chaileig air bheag ceill
Ged robh eudail aic is stbr,
Cha’n fhaod a fear a bhith sona,
Ma bhios i gnogach anns an t-srbin.
Bean gun naire gun ghliocas,
Bean mhisgeach, gun bheusaibh,
B’fhearr dhuit cu a chur mu t’amhaich
Na do cheangal ri te dhiubh.
Bean ardanach labhar,
Bean ghabhannach cheilidheach,
Is tus trioblaid is aimbeairt
Dol gu d’cheangal ri te dhiubh.
Am fear a gheallas ’s e dh’ iooas,
Is e am fear a dh’ iarras a phaidheas;
Cha choir do neach a bhith ullamh
Gu dol an cunnart no an gabhadh.
Am fear nach dean ar ri latha fuar
Cha dean e buain ri latha teth;
Am fear nach dean obair no gniomh
Cha’n fbaigh e biadh feadh nam preas.