Skip to main content

‹‹‹ prev (65)

(67) next ›››

(66)
Bdrdachd Ghdidhlig
Ar cuid bhodach, is iad tha frogail,
Mor tha thogail cbmh riuth:
Surd na cadleig air a’ chaillich,
Is mear an aign© tha foipe.
Fuaim nam feadan feadh nan creagan,
Leinibh bheaga a’ dannsadh;
Luchd na mara a’ sar-tharruing
Canabhas ri cranntaibh;
Eigh nan gillean sios mu’n linnidh,
lad ag iomairt trang ann :
Traigh as gile, cnuic as grinne,
Rogba suidh© eamhraidh.
La na gaillinn gur a fallain
Gaoth na mara greanntaidh;
Gasda an sealladh muir a’ stealladh
Sad mu mhullach bheannta;
Marcan-sin© bharr na Sgrine
Nuas ’na mhill’s ’na dheann ruith;
Muir gach ama caochladh greanna
Ris na meallan geamhraidh.
Gasda am farum aig a’ bhannal
Tha air an teanal thall ud;
Luadhadh daingean air na maidean,
Chuireas plaid an teanntachd;
Trom am buille, treun an ruighe,
Trang a’ bhuidheann bhaindidh ;
An clo ’na shiubhal dol an tigh©ad,
Rann cur ruith gun taing air.