Skip to main content

‹‹‹ prev (1)

(3) next ›››

(2)
Di-ardaoin, 23 latha de’n Fhaoilteach
Thursday, 23rd January 1969
FAICINN
Sruth, Di-ardaoin, 23 latha de’n Fhaoilteach
Aoigheachd
Tha am Bord Leasachaidh, comhla ri Bord an Luchd-
Turuis, o chionn greis a’ deanamh an dichill gus barrachd
luchd-turuis a Sasuinn agus a cearnan eile a thaladh dha ’n
Ghaidhealtachd.
A thaobh maise duthcha agus cothrom air a h-uile
seorsa cleasan geamhraidh agus cleasan samhraidh, thig
Alba suas ris a’ chuid as motha de dhuthchannan na Roinn
Eorpa, ach ann an gnothach no dha eile tha i fada, fada air
dheireadh orra, agus ma tha e ’nar beachd obair an luchd-
turuis a thoirt gu ire sam bith, feumaidh sinn na gnoth-
aichean sin a chur ceart.
Tha eagal orm nach urrainn do dhuine a bhith cinnteach
fhathast, a dh’ aindeoin obair nan sgoilean cocaireachd, gu
faigh e biadh math ma theid e a stigh gu tigh-osda ann an
Alba (no ann an Sasuinn airson na cuid sin dheth). Chan
eil mi ro chinnteach carson a tha cuisean mar seo. Docha
gu bheil e cho doirbh cocairean math fhaighinn agus a tha
e maighstirean-sgoile fhaighinn ann an ceann-a-tuath Chat-
aibh, ach cha dean e feum sam bith a bhith ’gar mealladh
fhein nach eil cuisean mar seo. Chan eil mi ag radh nach
eil iomadh tigh-osda air a’ Ghaidhealtachd saor on choire
seo. Tha am fear beag a tha ’sa ’bhaile bheag far a bheil mi
fhein a’ fuireach ’nam measg. Ach on tha an aon ghearan
aig a leithid a dhaoine nach bu choir dhuinn sgrudadh math
a dheanamh air a’ ghnothach seo cho math ri bhith a’ cur
a mach sanasan a’ moladh maise na duthcha againn?
Rud eile, tha muinntir na Gaidhealtachd agus muinntir
Alba uile cho neo-eisimeileach nach eil e soirbh dhaibh cus
umhlachd a thoirt do dhuine sam bith agus a bhith caran
ardanach ri aoighean anns na tighean-osda.
Ach ma bhitheas cuimhne againn, agus ma bhitheas
sinn a’ teagasg dha ’n oigridh, gu robh na Gaidheil riamh
ainmeil airson an aoigheachd agus gur iomadh duine-uasal
a chum tigh-osda cha leig gnothaichean a leas a bhith mar
sin. (Ma bhitheas an t-aoigh e fhein ardanach chan eil aige
ach gabhail ris na gheibh e).
Agus rud a thuirt sinn roimhe — mar as Gaidhealaich
a’ Ghaidhealtachd is ann as fhearr. Chan eil an luchd-
turuis ag iarraidh ainmean a chi iad air sraidean agus air
oifisean aig an tigh fhaicinn air a’ Ghaidhealtachd. Is math
a tha duthchannan eile a’ tuigsinn sin. De mu dheidhinn
“ Oifis a’ Phuist” agus “Oifis an Luchd-Turuis”?
Nach bitheadh e glic airgead a chur a mach air nithean
dhe ’n t-seorsa seo cho ri chur a mach air sanasan?
‘ Barra Try ’ — or barratry ?
While the HIDE was boldly exhibiting itself in the
nation’s cesspool in the south, Barra was given a few
column inches in the press — publicity for a report issued
by the island’s local council of Social Service. In the
context of Highland Development, the report was worth
1000 Highland Flings. Indeed, had the HIDE made fuller
use of the normal channels available to create interest in
Highland products and spent the money and effort absorbed
by the London exhibition in a concentrated spearhead
movement to support the Barra people we would then
have had definite proof that the islands in the Board’s
charge are not to be left out in the cold after all.
In essence, the Barra report emphasises the value and
worth of island living. Islands, wherever they are, are
immensely valuable, both to the individuals who wish to
reside on them and to the nation as a whole. Islands are
both socially and economically relevant, even in this day
and age of urban concentrations — and even more so in
this day and age when fast communications facilities are
readily available.
Many former islanders now living in Glasgow wish to
return to Barra. With the immediate provision of the
minimum requirements of these exiles, the population of
Barra could be increased overnight by 10-15 per cent.
But reports are reports. The good thing about the
Barra report is that it was produced by a group of people
determined to make their island a significant part of the
British Isles. However, having gone thus far, how much
farther can they go ? They need substantial help in many
forms: money, expertise and the like. Will they get it ?
The west coast social survey proposed by the HIDE recently
is a good step in the right direction. But it will take at least
a year to complete if present HIDE philosophy is anything
to go by, the results will be neatly, filed away for attention
some day.
In the meantime, one island is crying out for help.
It would be good to read in a press handout from the
HIDE within the next month or so that the Board is
mounting ‘ Operation Barra ’ in a determined effort to show
how a depressed island can be revitalised and given a
raison d’etre by a remote developing authority. And the
time scale should be not more than two years.
Steering the ship of development the HIDE should
be seen to operate a ‘ Barra Try ’ effort — and not be guilty
of barratry.
Croitearachd (3)
Ann an seachd dhe ’n da
fhichead croitan Camaschros,
far a robh taighean-comh-
naidh aon uair, chan fhaicear
an diugh ach na tobhtaichean.
Tha da thaigh eile falamh fad
na bliadhna, agus aon taigh
deug nacheil air an cur am
feum ach mar thaighean sam¬
hraidh. Anns a’ chuid eile
chaneil a mach air a dha no
tri far a bheil oidhirp sa bith
ri fhaicinn air an fheum as
fhearr a dheenamh dhe ’n
fhearann le bhith a’ cur, abair,
feur, is coirce, is buntata an
iomairean air leth, a reir an
iomlaid barra a <ih’ fhaodar
ainmeachadh le bhith a’ togail
iasaid dhe ’n fhacal “ roiteis-
ean ” o ’n chanain eile.
Air a’ chuid as motha dhe
na leotaichean tha luachair is
luibhean fiadhaich eile a’
tachdadh an fheoir. Far a
faigh e cothrom fas idir, tha
e a’ dol a dholaidh air a’
raon. Tha farsainneachd a’
mhonaidh a’ toirt cothrom ur
do dhuine dicheallach no dha
a dh’ fhaodas an spreidh a
leigeil ma sgaoil a gheamh-
radh ’s a shamhradh, cleas
an doigh a chithear air sgeile |
nas motha air rainseachan na
siorrachd air tirmor. Chaneil I
duine a nise a their nach
fhaod croitear a dhol thairis
air an t-sumachadh, da bhoin
no co-ionnan, a bha air a
cheadachadh aig an am, leth-
cheud bliadhna air ais, air an
d’ thug mise jqmradh goipid.
Faodaidh nacheil Camas¬
chros na dheagh shampal air
aiteachan eile dhe ’n t-seorsa.
Is math mur eil, ach a thaobh
seo faodar a radh, dhe na
seachd sgoiltean a bha an
sgire Shleite ri mo latha-sa
chaneil fosgailte an diugh ach
a h-aon. Tha sin ’na chom-
harradh air mar a threig
daoine obair croiteireachd an
aon sgire co-dhiu, agus cha
chreid mi gu bheil sgirean eile
anns an eilean dad nas fhearr.
O na dh’ ainmich mi na
faochagan faodaidh mi radh
gu faca mi feadhainn, dhe ha
bheagan a th’ air fhagail, ris
an obair seo. Chaneil am
modh cosnaidh seo ge ta, a
reir coltais, air a mheas cho
truagh sa bha e. Tha pris
mhath air maorach. Tha doigh
ur air pocannan a chruin-
neachadh. Togaidh an larai
iad agus bheir iad leotha iad
air a’ cheud chuid dhe ’n
turus gu margaidhean Lun-
nuinn.
A thaobh croiteireachd a
bheil leasachadh ri fhaicinn
no comharraidhean sa bith a
dh’ fhaodadh misneachd a
thoirt dhuinn? An de fhein
bha mi ann an aite far na
chuireadh ceisd dhe ’n t-
seorsa agus thainig an freag-
airt san t-seasamh bonn,
Chaneil.” Ach chan fhaod
sinn a bhith riaraichte leis a’
fhreagairt sin.
Luchd-turuis. Tha iad a'
fas lionmhor a h-uile bliadh¬
na. Tha taighean-bidh a’ slor
dhol suas far a bheil tomhas
de roghainn aig neach beagan
no barrachd a chosg air diot.
A h-uile bliadhna tha fead¬
hainn a tilleadh da ’n aon
aite an am an t-samhraidh
agus air mo thursan mu
thuath tha mi a’ faicinn lar-
aichean air an gabhail Te
daoine dhiubh sin airson taig-
hean a bhitheas aca an deidh
sgur a dh’ obair. Tha na taig-
hean an comhnaidh eireach-
dail, coqihfhurtail, le sealladh
bho na h-uinneagan-aghaidh
dhe nach fas iad sgith gu
siorraidh, ach gu trie tha an
talamh faisg air na taighean,
a bha aon uair air aiteach cho
curamach, a. nise na fhasach.
Chaneil doigh nach bi sinn
toilichte na strainnsearan
fhaicinn. Cuiridh na h-uile
failt orra, gu mheas mar
choimplimein gu bheil uidh
aca am maise na duthcha agus
cuideachd, s cinnteach, gu
bheil iad a.’ cur luach air
cairdealachd an t-sluaigh, na
bheil ann dhiubh. Chan ur¬
rainn dhuinn coire a chur
orra airson fasalachd na tire.
Gu dearbh bithidh moran
dhiubh fhein a dheonaich-
eadh gun deantadh ruideigin
mu na luachair, na deannta-
gan, na buaghallain, is na
UISGE BEATHA
j Se uisge beatha dan ainm
| Usquaebach a bha aig dinneir
san Tigh Bhan oidhdie Dilu-
ain nuair a chaidh Mgr.
Nixon a steidheachadh na
Cheann Suidhe. Sann aig na
Griogalaich an Inbhirnis.a tlj£
an t-uisge beatha ainmeil so.
Chaidh a chuir air an reid-
siostar an toiseach an 1876.
Tha e cosg £12 6t an dusan
airson tirean cein ach tha e
£5 6t am botull an so. Sann
am botull creadha a tha e.
CALL AIR POSDACHD
Chaill Oifig a Phuist 6 per
cent, den obair a bha a dol
troimh an lamhan ri linn nam
prisean ura. Bha duil aca corr
is £5 muilionn a thoirt a
steach mu choinneamh an
leasachadh a tha gu bhi air
an t-seirbhis. S iad a chiad
fheadhainn a chuala sinne
riamh a bha an duil barrachd
a laimhseachadh le ardachadh
prisean. Se 4s a tha a mhor
chuid a cuir air na litrichean
fhathast.
OIGRIDH SHEALTUIN
Tha faisg air dithis as gach
triuir tha faighinn foghlum an
ard sgoil an Sealtuinn a fagail
nan eilean gun dochas tilleadh.
Ach deth na tha dol a dh’ iar
sgoilean tha thruir as gach
ceathrar a’ fuireach aig tigh. A
reir so chaneil an suidheachadh
cho doirbhe ’sa bha moran de’n
bheachd.
copagan.
Cha chumar na luibhean
fiadhaich sin sios gun sao-
thair, agus saothair gun tamh.
An do leig sinn seachad an
t-srlth ?
Theagamh gu bheil a’ latha
a’ tighinn nuair a bhitheas
daoine a’ tighinn beo air pil-
eachan nach iarr obair roimh-
laimh air tionndadh is cur is
buain. Tha an latha sin fad
air falbh fhathast is ged a
thigeadh e, s cinnteach gum
b’fhiach talamh a chumail fo
rian air sgath a dhreach is a
choltais a mhain.
Nuair a fhuair sinn Coimi-
sin nan Croiteirean bha dull
aig cuid co-dhiu gum faigh-
teadh seol air talamh chroit-
ean, beag no mor, a chur air
ais an deagh chor, far a robh
feum air. Shaoil daoine gum
b’e an durachd sin a bh’air
cul an rabhaidh a thug an
Coimisin seachad, nach leig-
eadh iad le croitean tighinn
gu lamhan dhaoine nach robh
a’ dol a dh’fhuireach orra fad
na bliadhna. Gheibheadh
duine taigh ged nach bitheadh
e ann ach beagan sheachdain-
ean sa’ bhliadhna, ach chan
fhaigheadh e de dh’ fhearann
ach criomag timcheall an
taighe.
Bha coltas reusanta gu leor
air an riaghailt seo, ach cha
d’ obraich e an comhnaidh a
chum leas nan croitean. Ged
nach dean duine moran air
croit an uine ghoirid, s ioma
rud a b’ fhiach an t-saothair
a dheanadh duine ’dicheallach
ann am mios, no eadhon ann
an ceir-la-deug, sa’ bhliadhna,
Cho beag ’s gam bitheadh e
bhitheadh e na b’fhearr na
gun dad idir a dheanamh, mar
a tha ’tachairt gu trie an
drasta.
Tha Coimisin nan Croiteir¬
ean a nise air ruintean ura
a chur mu choinneamh Par-
lamaid. Tha na h-uile an
dochas gun tig soirbheachadh
’nan cois. Air a cheann thall
bheirear breith orra, saoilidh
mi, ann an tomhas co-dhiu,
a reir na theid a thoirt “ a
staigh ” de fhearann nan
croitean.
This Ice
This ice is good for sliding on in
a towncoat until
one’s fifty.
Then it is the cold and slipperiness
as before.
Keith Murdoch.
Failte Do Lybster
THE PORTLAND ARMS
extends a warm welcome
Salmon Fishing, Trout Fishing
Sea Angling
Good Fare and a Fine Cellar
Your Travel Requirements —
NESS
travel...
Arrange your Air, Land, Sea travdf,
fix you up with complete Holidays.
..Tg Decide when and
% where and we can
do the rest —
78 CHURCH ST
-A.1'' INVERNESS
Affiliated Member Tel 34777 & 34888