Skip to main content

‹‹‹ prev (199)

(201) next ›››

(200)
132 Bardachd Ghaidhlig
Nis o chaill mi mo eheann-seanchais,
Is cruaidh an naidheachd learn r’a eisdeachd;
Mur cluinn mi tuilleadh de d’ labhairt,
3545 Co uaith a ghabhas mi sgeula?
Ach mur tig thu chaoidh do’n bhail’-sa,
Gun laighidh smal air mo shugradh;
Is e an t-eug ’gad thoirt le cabhaig
Thug an diugh gal air mo shuilean.
3550 Is ann umad a bha mi edlach,
Is air do chebl a bha mi deidheil;
Cha bhiodh gruaman air nar buidhinn
Far an suidheamaid le cheile.
An uair a ghlacadh tu do chlarsach,
3555 Is a bhiodh tu ’ga gleusadh lamh rium,
Cha mhath a thuigte le h-umaidh
Do chuir chiuil-sa is mo ghabhail dh&n-sa.
Bu bhinn do mheoir air a cliathaich
An uair a dh’iarrainn Cumha an E-asbuig,
3560 Cumha Ni MhicRaghnaill lamh ris,
Cumha M&iri is Cumha Ghille-easbuig.
Cha chluinn mi chaoidh Socair Dhkna
Cumha no Failte no Oran,
Nach tig na deodr o mo shiiilean
3565 Le trom thixirse o nach bed thu.
Ged a bha iad dall do shuilean,
Cha bu dall an ciiis no dhk thu:
Cha bu dall do bheul ri siigradh,
Is cha bu dall air tilths do lamh thu.