Skip to main content

‹‹‹ prev (163)

(165) next ›››

(164)
96
2560
2565
2570
2575
2580
2585
Bardachd Ghaidhlig
Mac MhicRaghnaill na Ceapaich
Le phrasgan glan treubhach,
Is Mac Iain Stiubhairt o’n Apuinn:
Ceannard feachd e nach geilleadh.
Is tha thu cinnteach ad chinneadh
Anns gach ionad an teid thu;
Is mairg dh’fheuchadh an ascaoin,
Cha bu tais an dm feum iad;
Gu h-armach acfhuinneach rioghail,
Is chan e striochdadh bu bheus doibh;
Is le farum an lamhaich
Gum biodh an naimhdean gun eirigh.
Is dearbhadh air sin Sliabh a’ Chlamhain
Gun d’fhuair sibh barrachd an cruadal;
Thug thu an diithchas o d’ sheanair:
B’&rd cheannard air sluagh e ;
Tha mo dhuil anns an Trianaid,
Ma’s nl thig gu buaidh e,
Gum faic mi thu ad Dhiiica
An deidh an crun ud a bhuannachd.
LA na h-Eaglais bh’aig Halaidh
Thug sibh barr air a’ bhuidhinn;
An uair a thionndaidh na naimhdean
’Nan sia rancan ’sa’ bhruthach;
Dhuit cha b’iomrall an cruadal,
Ghlac thu an dualchas bu chubhaidh:
An uair theann do chinneadh r’a chdile
Ghabh na beisdean mu shiubhal.