Skip to main content

‹‹‹ prev (151)

(153) next ›››

(152)
84 Bardachd Ghaidhlig.
Gum bu luath thig na linnean
Ni chuid as sine dhinn ciallach,
Nach dean sinn iobairt de bhithbhuantachd
2250 Air son trl fichead de bhliadhnaibh.
Is lionmbor neach bha gun socair
A chuir thu an stoc le do dh^ilig,
Agus bath-ghiullan gbrach
Thionail eblas le d’ eisdeachd;
2255 Dearbh chan aithne dhomh aon neach,
Mach o umaidhean spreidhe,
Nach ’eil an inntinn fo chudthrom
Air son do chuid no do cheille.
Fhir nach d’ith mlr le taitneas
2260 Nam; b’ e61 duit acrach ’san t-saoghal;
Fhir a chitheadh am feumnach
Gun an eigh aige a chluinntinn;
B’fhearr leat punnd de do chuid uat
Na unnsa chudthrom air t’ inntinn:
2265 Thilg thu t’ aran air uisgeach’
Is gheibh do shliochd iomadh-fillte e.
Chi mi an t-aimbeartach uasal
Is e lim gruamain ’s fo airtneal,
Is e gun airgiod ’na phocaid
2270 Air an osdthigh dol seachad;
Chi mi banntrach bhochd dheurach,
Chi mi an d&rceach lan acrais,
Chi mi an dllleachdan dearg riiisgt’.
Is e falbh anns na racaibh.