Skip to main content

‹‹‹ prev (146)

(148) next ›››

(147)
2105
2110
2115
2120
2125
2130
Cead Fhir Bhioguis do’n Fhrith.
79
Bha e an uiridh chaidh seachad
Is e mar rium am Faisbheinn,
Is ged threig raise am fasan,
Tha an cleachdadli air m’uidh;
Gum bu chasg sud air m’ airtneal
Bhith a measg nam fear tapaidh,
Agus uisge mu m’ chasan
Tighinn dachaidh a beinn;
Bu lughad mo mhulad
Bhith treis am Beinn-spionnaidh,
Agus tamull a’ fuireach
Mu bhun Cam an Bigh.
Gum bu dorn sud air mholadh
Do’n bganach ealamh,
A dheonaicheadh fanadh
Hi talamh ’s ri gaoith.
Is ged bu chinnteach A chuid e
An uair thigeadh e chugainn,
Is e nach milleadh an obair
Air cuideachd a chaoidh.
Bha a l&mh is a fhradharc
Air an deanamh ’n aon fhaghairt,
An uair a shiubhladh na h-aighean
A stigh air a’ bheinn.
Le cuilbheir na sraide
Is lamh chuimseach na graide,
Nach iomralladh eadar
An claigionn ’s an cuing.
B’e ar fasan car grathuinn
Gum bu phrosbaig dhuinn t’amharc,
Mun cuairt duinn is romhainn,
Is tu coimhead ’s a’ falbh;