Skip to main content

‹‹‹ prev (142)

(144) next ›››

(143)
Moladh Chloinn Domhnaill.
75-
Bhuidhinn iad bade is leth Alba:
Is e an claidheamb a shealbhaich c6ir dhoibh;
Bhuidhinn iad latha Chath Gairbheach:
1990 Binn iad an argumaid a chomhdach.
Air bheagan comhnaidh gu trioblaid
Thug iad am bristeadh a moran,
Mac Ghille Eathain ann le cuideachd
Is Lachlann cutach Mac an Tbisich.
1995 Nan tigeadh feum air Sir Seumas,
Gun eireadh iad uile comhluath
O Boinn Ghallaibh gu Boinn He,
Gach fear thug a shinnsre coir dhoibh.
Thigeadh MacCoinnich a Brathainn,
2000 MacAoidh Srath Nabhair ’s Diiic Gordon,
Thigeadh Barraich ’s thigeadh Banaich,
Bothaich is Tbilich is Bbsaich.
Ar luchd daimh ’s ar ckirdean dileas
Dh’eireadh leinne sios an coimhstri:
2005 Thigeadh uaisle Chloinn Ghille Eathain
Mun cuairt cho daingeann ri d’ chbta;
lad fo ghruaim an uair a’ chatha,
Cruaidh ’nan Ikmhan sgathadh febla,
Tarruing Spainneach laidir liomharr’
2010 Sgoilteadh direach cinn gu brogan.
Buidheann fhuilteach ghlan nan geur lann,
Thigeadh reisimeid nan Lebdach,
Thigeadh reisimeid nan Niallach
Le loingeas lionmhor ’s le sebltaibh.