Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
Bardachd Ghaidhlig.
52
1385 Is tu fearail fearrabhuilleach,
Sealgair air mointich,
Is cha ghabh mi fear Hath
Is tu tighinn fo m’ uidh.
Is luaineach mo chadal
1390 0 mhaduinn Di-ciadaoin;
Is bruaidleineach m’ aigne,
Mur furtaich thu, Dhia, orm;
Mi an raoir air dhroch leabaidh,
Chan fhada gu’n Hath mi,
1395 Is an gille dubh ciardhubh
Ag tighinn fo m’ iiidh.
Mo ghille dubh boidheach,
Ge gorach le ckch thu,
Dheanainn do phosadh
1400 Gun deoin mo chkirdean;
Shiubhlainn leat fada
Feadh laganan fksaich,
Is an gille dubh ciardhubh
Ag tighinn fo m’ uidh.
1405 Mo ghille dubh laghach,
Is neo-roghainn learn t’fhagail ;
Nam faicinn an cuideachd thu,
Thaghainn roimh chkch thu:
Ged fhaicinn c6ig mile,
Air chinnt gur tu b’fhearr learn.
Is an gille dubh ciardhubh
Ag tighinn fo m’ uidh.
1410