Skip to main content

‹‹‹ prev (110)

(112) next ›››

(111)
Oran do Fhear an Eireachd.
43
So i an Reisimeid thoirteil
Bhios ainmeil gu eosnadh;
Chuir thu fein air a cois i
Gun chostas do’n Righ.
1145 Gun uiread is sgillinn
larraidh no shireadh,
Airm aodach no inneal,
Cha robh sin ort a dhith.
Rinn thu an earradh gu sar mhaith
1150 Be deiseachan sgarlaid,
Cha d’thug thu dhoibh tkmailt:
Am mkdar cha b’fhiach.
Chan aithnichear air sraid iad
Seach na h-uaislean as kirde,
1155 Le f&lichean aluinn
Is osan gearr air chois chruinn.
Bu tu cridhe na feile,
Bu tu ulaidh nam feumach,
Bu tu fuasgladh nan deirceach,
H60 Bidh Mac Dhe riut an slth.
Leis na thug thu do bhochdaibh
Chuir an umuigh an stoc thu,
Guidhe anmoch is moch leat
Thu bhith an sonas ’s am pris.
1165 Gur ioma leth-paidheadh
Rinn thu ghleidheadh ’s a thearnadh,
Do thruaghan gun chairdean
Air an d’ fhaillinn gach ni.