Skip to main content

‹‹‹ prev (97)

(99) next ›››

(98)
30
785
790
795
800
805
Bardachd Ghaidhlig.
Is beag sgoinn de mhointich am monadh,
Is beag sgoinn de choille am fasach;
Is lugha meas tha de dhuine falamh
An uair tha earras an d&dh fhagail.
Is iomadh caraid tha aig fear saoibhear,
Tha daoine bochda gun phris;
Is gann a dh’aidicheas an cairdean
Gum buin iad daibh is iad bhith an dlth.
Is fearr a bhith bochd na bhith breugach,
Is fearr fheuchainn na bhith ’san duil;
Is fearr am fear a chostas beagan
Na am fear a theicheas ann an cuil.
Tha an fhirinn gu cliuiteach sona,
Cha chron air duine bhith fial;
Is fearr beagan anns an onoir
Na an donas is ceithir chiad.
Is ainmig a dh’eireas fortan
Le fear crosda bhios gun ch≪
Is fearr do dhuine fuireach samhach
Na droch dhan a chur an ceill.
Eiridh tonn air uisge balbh;
Gheibhear cearb air duine glic;
Eiridh gnothach le fear mall;
Bristidh am fear tha call gu trie.
Tha a ghaineamh fein anns gach sruthan;
Chan ’eil tuil air nach tig trkghadh;
Is dona an cairdeas gun a chumail
Is chan fhaighear duine gun fhaillinn.