Skip to main content

‹‹‹ prev (94)

(96) next ›››

(95)
Blar na h-Olaind.
27
Mar mhaoim de thuil nam beann mora
Bruchdadh o na neoil mu’r guaillibh,
Lean iad an ruaig le cruaidh spoltadh
Gu fuilteach morbhuilleach gruamach.
705 Bha Camshronaich an tus a’ chatha
Air an losgadh mar an ciadna;
Lebnadh an ceann-feadhna sgairteil
Bi cbmhrag bhatailtean a liath e;
B’eblach a stiiiradh e an dearcag
710 Bo na neoil nach taise na’n t-iarunn;
Mun chrom a’ ghrian fo a cleoca taisgte
Phbidh sinn air an ais na fiachan.
Ged bha na Rioghalaich o Albainn,
Na fir ainmeil mheanmnach phrlseil,
715 Fada bhuainn ri uair a’ gharbh chath,
Is buaidh a b’ainm dhoibh ri uchd mhlltean;
Ghreas iad air aghaidh gu colgail,
An uair a chual iad stoirm nam plcean;
Mo chreach! luchd nam breacan ballbhreac
720 Bhith le lasair marbh ’nan slneadh.
Tha na Frangaich math air teine
Gus an teannar goirid uapa;
Is ann mar sin a fhrois iad sinne
Be deich mionaidean na h-uarach.
725 Ach ’nuair a fhuair ar laoich gun tioma
Dhol an kite buille bhualadh,
Bha roinnean stailinne biorach
Skthadh guineideach mu’n tuairmeas.