Skip to main content

‹‹‹ prev (88)

(90) next ›››

(89)
Marbhrann do Mhr. Seumas Beattie.
21
Gun smid tha an ceann anns na tharmaich
Bladh gach eolais a b’airde ann am miadh,
Gliocas eagnaidh na Greige,
540 Is na thuig an Eadailt bu gheurfhaclaich brigh;
Is balbh fear-reitich gach teagaimh
Anns a ’ bheurla chruaidh spreigearra ghrinn;
An uair bhios luchd-foghluim fo dhubhar,
Co ’na t’ionad-sa dh’fhuasglas an t-snaidhm?
545 Is balbh an labhraiche pongail;
Bu tearc r’a fhaotainn a chompanach beoil,
Am briathran snaidhte sgeimh-dhealbhach
A chur na h-ealaidh no an t-seanchais air n-eoil.
Ge b’e bard an dain cheutaich
550 Mu chian astar Eneas o Thrbi,
Is firinn cheart nach bu diu leis
E fein thoirt mar ughdair do sgeoil.
Gun smid tha an gliocair a b’ eolach
Air fad na cruitheachd a dh’ ordaich Mac Dhe;
555 Gach gne an saoghal na fairge,
’Sa’ mhachair chomhnaird no’n garbhlaich an t-sleibh;
Gach bileag ghorm a tha lubadh
Fo throm eallaich nan driuchd ris a ’ ghrein;
’San rloghachd mheatailtich b’ aghmhor
560 Do phurp ag innse dhuinn nadur gach seud.
Is balbh fear aithne nan rkidean
A shoillsich aingil is fkidhean o thus;
Is soisgeul glormhor na sl&inte,
Thug fios air trbcairean ard Blgh nan dul;