Skip to main content

‹‹‹ prev (85)

(87) next ›››

(86)
Bardachd Ghaidhlig.
18
Cur sgonn nan teinntean air muin a cheile
Gun do lasaich fdithean a bha ’nam dhruim,
Is a h-uile ball dhiom cho dubh a’ sealltainn,
Bidh mi ’gam shamhlachadh ris an t-suip.
465 Ge m6r an seanchas a bh’aca an Albainn,
Tha a’ chuis a’ dearbhadli nach robh e flor;
Na dolair ghorma chan fhaic mi falbh iad,
Ged bha iad ainmeil a bhith ’san tlr.
Ma nitear bargain chan fhaighear airgiod,
470 Ged ’s eiginn ainmeachadh anns a’ phris;
Ma gheibhear cunnradh air feadh nam buithean
Gum paighear null e le fliir no 1m.
Chan fhaic mi margadh no latha faille
No iomain feudalach ann an drobh,
475 No nl ni feumdhuinn am measg a ch&le:
Tha an sluagh ’nan eiginn ’sa h-uile dbigh.
Cha chulaidh fharmaid iad leis an ainbheach,
A reic na shealbhaicheas iad an c6ir;
Bidh fear nam fiachan is cromadh cinn air
480 ’Ga chur do ’n phriosan mur diol e an st6r.
Mun tig na cuisean a tigh na cuirte,
Gun teid an dublachadh aig a ’ mh6d;
Tha an lagh ag giiilan o laimh na jury
Gun t&d a spiiinneadh ’s nach fih e an c6rr.
485 Bidh earraid siubhlach air feadh na duthcha
’Gan ruith le cunntasaibh air an t6ir;
Gur m6r mo churam gun tig e am ionnsaigh:
Cha ghabh e diiiltadh ’s bidh diubhail oimn.