Skip to main content

‹‹‹ prev (81)

(83) next ›››

(82)
Bardachd Ghaidhlig.
Is ’nuair bhiodh tu ’nad sheasamh laimh ris,
B’ amhlaidh tartar
Is mile carbad air cabhsair
’Nan deann dol seachad.
Gun critheadh an t-athar mun cuairt duit
Leis na buillibb
Tha an t-uisge trom a’ sior-bhualadh
Air o’n mhullach.
Is maothchrith air an talamh throm
Fo bhonn do chasan,
Mar mhothaichear latha stoirmeil
Tigh ’ga chrathadh.
Ach ged bhiodh mile teanga am bheul
Chan innsinn uile
Na h-iongantais a th’air an eas ud:
Mar sin sguiream.
AM BARD AN CANADA.
Iain Mac Ghille-Eathain.
1787—1848.
Gu bheil mi am bnrachd ’sa’ choille ghruamaich,
Mo smaointinn luaineach, cha tog mi fonn:
Fhuair mi an t-ait so an aghaidh nkduir,
Gun threig gach talanta bha ’nam eheann.
Cha d&an mi bran a chur air doigh ann,
An uair ni mi tbiseachadh bidh mi trom;
Chaill mi a’ Ghaidhlig seach mar a b’abhaist dhomh
An uair a bha mi ’san duthaich thall.