Skip to main content

‹‹‹ prev (73)

(75) next ›››

(74)
Bardachd Ghdidhlig.
Sud an iorram nach dean ciorram,
Chuireas mire air kite—
Coimhiing loinneil ud na cloinne:
Learn bu toil bhith ’m pkirt riu.
H-uile h-eag am bonn nan creagan
Bothag bheag aig cloinn ann;
Sreathan shlige, bloighean phige,
Badan riobag, loinn leo:
Buain nam bileagan bu ghrinne
Ann am mire soighneis,
Togail luinneag air gach coileig,
Leigeil ruith le ’n aoibhneas.
Ogain gheala, feadh nam bealach,
Gur e an teanal grinn iad:
Sud iad agaibh feadh nan laga
Ann am baidean cruinn iad.
Nall am mullach thar an tulaich,
Dhaibh is ullamh sinteag;
Direadh chnoe, gearradh bhoc,
Saor o lochd ’s o mhighean.
R6n le a ehuilean air an t-siubhal;
Co nach luthaig speis dha?
Is e cho measail air an isean,
Mun dean clibisd beud air.
Bi km cunnairt, sud air mhuin e,
Falbh an t-sruth gu reidh leis;
Gum bu tubaisdeach do’n duine
Chuireadh gunna air ghleus ris.