Skip to main content

‹‹‹ prev (142)

(144) next ›››

(143)
Na Sean-fhocail
127
blasda, tighean cho blath, aodacb cbo riombach, eolas
cho farsaing, no leabhraicbean cho pailt; bha, tha mi
a’ meas, daoine a’ mealtainn anns a’ bheagan thoil-
inntinnean a bh’ aoa sonas cho fior agus, maith
dh’ fhaoidte, cho lan ’s a tha sinne leis na cothroman
do-aireamh a tha againn fein. Anns na linntean so bha
moran de theagasg an t-sluaigh air a thoirt seachad an
sean-fhocail no ’n gnath-fhocail. Bha a’ chleachdain
coitchionn a measg gach cinneach air a bheil
©achdraidh againn. Tha gach aon againn eblach air
Gnath-fhocail Sholaimh. A measg nan Greugach
agus nan Romanach bha moran de’n ©bias agus moran
de’n creidimh air aisig o ghinealach gu ginealach air
an dbigh so. Agus a measg nan rioghachdan Eorpach
©ile bha a’ chleachdain cheudna. Ach tha mi creidsinn
nach robh sluagh air a bheil iomradh againn a measg
an robh agus a bheil uiread cumhachd aig sean-fhocail
ri Gaidheil na h-Alba anns gach aite an robh no a bheil
iad. Tha fios againn gu robh a’ mhor chuid de
fhoghlum nan Druidhean, ar luchd-teagaisg o shean, air
a thoirt seachad an sean-fhocail a bha gu trie air an cur
an rann a chum a’ mheamhair a chuideachadh gu bhi ’g
an gleidheadh air chuimhne; agus gus an latha ’n diugh
chithear gu minic ’n ar glinn is ’n ar n-eileanan an
oidhche gheamhraidh air a’ cur seachad ri taobh an
teine le rann, sgeul, toimhseachan, is sean-fhocal. Gu
ma buan gach cleachdain o’m faigh an oigridh tuigse
is toilinntinn o bheul an aosda!
Is ann, mar bu trice, leis na daoine a bu ghlice agus
a bu gheire a chaidh na sean-fhocail a chur ri cheile;
agus a measg nan daoine a b’ fhoghluimte anns gach
linn is anns gach aite bha iad air an altrum le mor-
urram. Air Gnath-fhocail Sholaimh, an duine bu