Skip to main content

‹‹‹ prev (138)

(140) next ›››

(139)
Na Sean-fhocail
Cha’n ann le anaxn lionta le h-urram agus le h-eagal
a sheallas Feallsanach an latha ’n diugh mu’n cuairt
da, no os a chionn. Cha’n ann le bhrogan bharr a
chos, no le bhoineid ’n a dhorn a sbeasas esan aig dorus
an tighe so “ nach do thogadh le lamhaibh.” Cha’n
ann \ ach sgeadaichfce, uidheamaichte^ tha e ag eigheach
an dorus fhosgladh a chum’s gu’n rannsaich e an tigh,
gach cull is oisinn deth. Bha an t-eblas so “ ro-
iongantach ” le Daibhidh agus cho ard agus nach
ruigeadh e air; ach cha’n ’eil a’ chuis mar so dhasan
air an do thaomadh gu pailt solus an eblais agus a’
ghliocais ann ar latha-ne. Cha’n ’eil gun teagamh, fios
aige co leag clach-oisinn an talmhainn; ach dearbhaidh
e dhuit nach ’eil clach-oisinn idir ann. Chuir e a
shnathainn-tomhais, cha’n ann a mhain thar an talamh
ach thar an iarmailt mar an ceudna. Chaidh e steach
gu tobraichibh na fairge; chunnaic e ionmhasan an
t-sneachda. Dh’ fhosgail e doimhneachd a’ chuain;
lean e slighe an dealanaich; cheasnaich e a’ ghrian
Thug e air oibre Naduir gu leir an ionmhasan a thoirt
am follais, agus am fagail aig a chosan, a chum a bhi
frithealadh do chomhfhurtachd an duine. Is mor agus
is urramach an dearbhadh so air cumhachd buaidhean
an duine an uair a tha iad air an deagh chleachdadh;
agus is luachmhor a’ chreach a thug iad dhachaidh dha
a tir an aineolais. Ach an lorg so, chaill sinn, saoilidh
mi, faireachdainnean a bheireadh toilinntinn is solas
do’n anam. Ma dh’fhairich esan a dhearbh gur iarann
a’ ghrian an t-ardachadh inntinn a tha dligheach dhasan
a bheir buaidh a mach, nach eiginn gu’n do mhothaich
e mar an ceudna nach ionann faireachdainn a dhuisgeas
“ ard-lbchran na speur ” an cridhe an t-sluaigh gu
brath tuilleadh, an uair a chithear i “ mar fhear-nuadh-