Skip to main content

‹‹‹ prev (123)

(125) next ›››

(124)
108
New Zealand
NEW ZEALAND.
■G-ed is beag a chuala daoine mu thimchioll an eilein so
gus o chionn ghoirid, tha e an dan da fhathast a reir
■coslais a bhi cho ainmeil ri aon duthaich air aghaidh an
t-saoghail. Ma bheir sinn fa-near far a bheil e air a
shuidheachadh am measg rioghachdan an t-saoghail, cia
tarbhach agus tha nadur an fhuinn, cia ciiiin, fhallain,
shlainteil agus tha an t-sid, cia lionmhor a chuid aibh-
nichean cia farsaing fasgach tearainnte a liuthad cala
is acarsaid aluinn tha ceithir-timchioll air, cha’n fhaod
sinn gun bhi fo bharail gu’m bi an t-eilean so fhathasd
do chearnaibh an t-saoghail anns an airde-deas mar tha
rioghachd agus eilean Bhreatunn air an am anns an
•aird-an-iar.
Tha tri eileanan anns an aon ruith dluth d’ a cheile,
air an dealachadh le caoil aimhlean, tha dol fo an ainm
so, New Zealand. Tha na h-eileanan so mu thimchioll
an aon mheudachd ri Sasunn, Eirinn agus Albainn.
Fhuaradh a mach na h-eileanan so air tus anns a’
bhliadhna 1642, le maraiche ainmeil as an Olaind d’ am
b’ ainm “ Tasman; ” ach cha robh a’ bheag no mhor de
iomradh orra gus an deachaidh an Sasunnach sin,
Caiptein Cook, a bhios ainmeil ann an eachdraidh an
t-saoghail, do na oearnaibh sin, anns a bhliadhna 1796,
a’ cheud uair a chuairtich e an saoghal. Tha an duth¬
aich so ochd-ceud-deug mile bho Australia mu dheas,
agus coig mile de mhiltean o China. Is e an aon
nine ghabhas long a dhol do ’n eilean so a Sasunn agus
a ghabhas i dhol do Australia. Tha beanntan arda
ruith o cheann gu ceann an eilein so mar chnaimh mor
droma, agus tha iad so anabarrach ard. Cha’n ’eil
Beinn Nibheis, Beinn Lidi no Beinn Laoimunn ach mar
chnocan beaga an coimeas ris na sleibhte mora so; tha