Skip to main content

‹‹‹ prev (121)

(123) next ›››

(122)
106
Canada Uachdarach
no ma tha i maith air an t-sniomhach, coisnidh i se
dolaran anns a’ mhios aisr a leithid so de chalanas; agus
balachain os cionn so bliadhna dh’ aois gheibh iad tuar-
asdal maith air buachailleachd. Daoine no mnathan tha
toileach pbair a dheanamh, cha’n eagal doibh ; ach daoine
leisg, diomhanach, misgeach, air dhroch giulan, cha’n
’eil maith dhoibh dol do Chanada TJachdarach.
Tha dbigh eile aca air a’ choille mhoir so a leagail. Is
abhaist doibh gearradh ceithir-thimchioll na craoibhe
troimh ’n chairt, agus an deidh sin cha’n fhas i n’as mo,
seargaidh i gu tur, agus an da mo tri bhliadhnaichean
failnichidh i, agus leagaidh a’ ghaoth gu lar i. Mar so
faodaidh duine ruith thairis ar da no tri acraichean
chraobhan anns an latha.
Tuigidh iadsan tha eblach air an duthaich so nadur
an fhuinn air an t-sebrsa choille tha fas air. Far am
faighear am fiodh cruaidh a’ fas, tha doimhneachd
talaimh do ghnath an sin, ach far nach ’eil a
bheag ach an giuthas cha’n ’eil an talamh air a’
bheil sin ag cinntinn domhain no tarbhach. Tha
cruithneachd agus ebrna agus seagal ’g a chur anns
an talamh tha air ur reiteachadh. Is e an coiroe as
miosa dh’ fhasas anns an duthaich sin. Tha an coirce
Innseanach anabarrach feumail; ni e aran maith le
beagan do mhin chruithneachd air a fheadh, agus tha e
fior mhaith air son crodhrbainne, mucan agus eunlaith.
Is iad na mucan beathaichean as luachmhoire tha aca.
Tha anabarr dhiubh so a’ ruith fiadhaich air feadh na
coille, agus chitear muicfheoil air gach bbrd. Tha togail
mhuc, ’g an reamhrachadh agus ’g an sailleadh air son
margaidh, a nis ’n a mhalairt mhor anns an duthaich so.
Tha sebrsa chraobhan ann as abhaist doibh fhagail
gun ghearradh; tha iad so priseil air son an t-siucair tha
iad a’ faotainn asda. Na iad toll-tora a steach do