Skip to main content

‹‹‹ prev (119)

(121) next ›››

(120)
104
Canada Uachdarach
fiodha, no crannan daraich; agus eadar gach maide tha
iad ag cur ere agus coinnich air an oibreachadh am
measg a cheile, mar gu’m biodh aol agus gainmheach;
agus tha so ’g a dheanamh cho teann ’s nach faigh cur
no cathadh no eadhon oiteag ghaoithe a steach eadar na
ereithean. An uair tha an tigh suas ochd no deich
troighean, tha iad an sin ag cur mullach air le taobhain
is cabair, agus tairagichidh iad buird thana thairis air
an iomlan an aite sgleata, an dara bbrd a laigh air an aon
eile, agus a’ chre ’s a’ choinneach air an calcadh a stigh
eatorra, agus mar so tha iad cho dionach sheasgair ri
aon mhullach sgleata chaidh riamh air tigh. Tha dorus
agus uinneagan air am fagail mar tha cliathach an
tighe a’ direadh, agus tha an da stuaidh am bitheantas
air an togail le cloich agus ere, a thaobh gur h-ann ri
taic na stuaidhe tha an teine, agus bhiodh e cunnartach
a togail le fiodh. Tha aimeis no uidheam an tighe
furasda chur suas; mar thubhairt an seanfhocal e, “ is
furasda aran fhuine dluth do ’n chiste mhine tha lan.”
Mar sin anns an aite so, tha fiodh cho pailt, agus a
h-uile fear cho maith air chul tuaighe is tail agus gu
bheil e soirbh airneis a dheanamh. Is minig a thainig
teaghlach a steach do choille cho dluth agus nach robh
solus na greine r’ a fhaicinn, agus an oeann beagan
laithean a bha ann an tigh seasgair, blath, taitneach,
tre chuideachadh cairdeil na feadhnach a bha thall
romhpa. Cho luath ’s tha an tigh-cbmhnuidh air a
chriochnachadh mur ’eil airgiod aig an imriche gu
luchd cosnaidh a phaigheadh tha e fein ’s a bhean ’s a
mine a’ grad thbiseachadh air na craobhan a leagail
agus talamh a reiteachadh air son pbir a chur cho luath
agus is urrainn doibh. Tha iad a’ gearradh nan craobh
tri no oeithir troighean o ’n lar, agus iadsan tha eolach,
ni iad so cho teoma innleachdach agus gu ’n toir iad