Skip to main content

‹‹‹ prev (117)

(119) next ›››

(118)
102 larla Mharr agus Fear na Briagaich
agus an deidh so, ma thig ainneart air bith ort, ruig
mise; tha Caisteal Cbinn-droma farsaing fial.”
Goirid an deidh so dh’ ath-chruinnich feachd an
righ, ach air do na ceannaircich ro-lionmhorachd an
naimhdean fhaicinn, sgap iad, gach fear g’ a aite fein.
Gidheadh air do Chloinn Domhnaill a chluinntinn gu’n
d’ thug O’Birinn fasgadh do ’n iarla b’ eiginn da an
duthaich fhagail. Rainig e fein, a bhean agus a
chlann, luchairt a’ mhoireir. Dh’ iarr e a stigh le
muinghinn agus danadas as gann a bha co-chordadh
r’a choltas. Thuirt an dorsair gu borb coimheach ris
gu robh am moirear aig a dhinneir maille ri mor-uaislibh
eile, agus nach fhaoidte a ghluasad; ach ’s ann an so
a dh’ fhas O’Birinn na bu ro-ladarna na air tus, ionann
’s gu’n deach e fein agus an dorsair air dromannan a
cheile. Fa dheoidh, air do ’n mhoirear a chluinntinn
co bha a muigh, ghrad dh’ eirich e o’n bhord le iolach
bhardachd, ag radh : —
Is ionmhainn leam am firean tha muigh,
O’Birinn as a’ Bhriagaich;
Bha mi oidhch© an a thigh
Air mhoran bidh, ach beag aodaich.
Air ball chaidh O’Birinn a threorachadh a stigh air
laimh, agus gabhail ris leis a’ bhiadhtachd sin a dheagh
thoill e.
Air do ’n iarla thuigsinn mar a dh’ uisinnicheadh e,
thug e dha fearann cheithir marg, dluth do ’n Chaisteal,
far a bheil moran de sliochd O’Birinn gus an la an
diugh,