Skip to main content

‹‹‹ prev (96)

(98) next ›››

(97)
Gai>ujeach nu Sgeithe Deirge 81
deth.” “ Cha dean sinn idir e,” arsa Ridire Chuirn,
“ is ann a chuireas sinn ceangal nan tri chaoil air.”
Rinneadh so, agus ghabh dithis mhac an righ rompa, a’
coiseachd. Suil gu’n tug Ridire Chuirn as a dheidh,
faicear Mac an Earraidh uaine ri Gaisge ’g an
leantainn. “ Braidean dubh,” ars’ esan, “ de ’n t-aon
ni fo ’n ghrein ghil a ni sinn ris?” “ Ni direach,” arsa
Ridire Chlaidhimh, “ an ceann a sgathadh deth.”
‘ ‘ Mata, ’' arsa Ridire Chuirn, ‘ ‘ Cha dean sinn sin;
ach tha carragh mor cloiche shuas an so agus ceanglaidh
sinn ris e.” ” Tha mi toileach sin fhein a dheanamh,”
ars’ am fear eile. Cheangail iad ris a’ charragh chloich
e, an los fhagail gus am basaicheadh e, is ghabh iad air
falbh. Suil gu’n tug Ridire Chuirn a rithist as a dheidh,
faicear a’ tighinn e, ’s an carragh air a mhuin. “ Nach
fhaic thu nis am fear sin a’ tighinn a rithist ’s an
carragh air a mhuin,” arsa Ridire Chuirn ri Ridire
Chlaidhimh,—” de ni sinn ris?” ” Ni, an ceann a
sgathadh deth ’s gun a leigeadh na’s fhaide,” arsa
Ridire Chlaidhimh. “ Cha dean sinn sin,” arsa Ridire
Chuirn, “ ach tillidh sinn agus fuasglaidh sinn an
carragh dheth. Is suarach d’ ar leithid-ne de dha
lan-ghaisgeach ged a bhiodh e leinn; ni e fear
ghlanadh sgiath, no sheideadh thurlach, no rud-eigin.”
Dh’ fhuasgail iad e agus thug iad leb e. Ghabh iad
sios an so chon a’ chladaich. Co thachair riu ach
Gruagach nan Cumha. Labhair iad ris am briathra
fiosnacha, foisneacha, filidheach, fior-ghlic, fior-eblais,
agus fhreagair esan anns na briathra ceudna ’s mur
b’ iad a b’ fhearr cha b’ iad idir bu mhiosa ’s an am.
“ Bu mhiann leinn,” ars’ iadsan ris, ” an t-aiseag
6