Skip to main content

‹‹‹ prev (72)

(74) next ›››

(73)
Am Fiadh
57
raineach fein, ar leatha nach fhac i riamh a leithid de
phailteas de gach seorsa. An fhrith-raineach a’ ruigh-
eachd an aird gu a h-achlais; cuinnlean na dubh-chasaich.
na bu ghrinne na chunnaic i idir, is teanga^an-fheidh cho
lebbhar, chuimir, is ged a bhiodh i stri ri duais fhaotainn
air son mend is snas a cinneis. Bha a’ Bhaintighearna,
mar so a’ mealtainn na cubbraidheachd a bha mu ’n
cuairt ’nuair chual i sporghail’s a choille. Thionndaidh.
i air falbh rathad eile, gun fhios nach faodadh math-
ghamhainn leum a mach an taobh sin. Cha deach i
ach goirid air an rathad sin ’nuair chunnaic i, mar a
shaoil ise, tri-fichead fiadh a’ bruchdadh a mach as a’
choille, is a’ tighinn ’n an leum g’ a h-ionnsaigh. Cha
robh ann diubh ach tri-deug, ach mheudaich suil an
eagail an aireamh. Bha iad mu ’n cuairt oirre ann an
tiota, ’s a h-uile h-aon a’ stri ri failt is furan a thoirt di
’n a dhoigh fein, ach gu mi-fhortanach cha do thuig ise
ciod a bha ’n am beachd; shaoil i gur ann an run a
h-itheadh a bha iad. Gu freasdalach, chunnaic mise an
suidheachadh ’s an robh a’ bhean-uasal, is chaidh mi ’s
an eadraiginn; ach, mo chreach, cha b’ e am buidheachas
a b’ fhearr a fhuair mi air a shon. ’S ann a thug i ach-
mhasan sgaiteach dhomh a chionn nach d’ thug mi oilean
cubhaidh do na feidh. Mo thruaighe, ciamar a
bheirinn-sa do na feidh an ni sin nach robh agam dhomh
fhein ? Ach tha na h-uaislean cho mi-riasanta. Cho-
luath ’s a fhuair a’ Bhaintighearna fo dhion an tighe,
shuidh i ann am breitheanas orm fein is air na feidh,
agus b’ i a’ bhreith luath, lochdach a thug i mach: ar
fogradh le cheile as a’ bhaile, gun latha dalach.
Chaidh cro mor iarainn a dheanamh an aird’ a'
mhonaidh air son nam fiadh, far am faiceadh ’s an cuir-
eadh iad eolas air feidh eile; feidh nach deach riamh a