Skip to main content

‹‹‹ prev (60)

(62) next ›››

(61)
A m Fiadh
45
a h-uile ceum gus an tigeamaid chum a’ ckro anns am
biodh iad a’ cur seachad na h-oidhche. Thigeadh iad an
sin mu’n cuairt domh a’ putadh a cheile, is a’ saltairt air
mo chasan, agus a h-uile h-aon diu a stri ri m’ phogadh.
Creutairean cho aotrom, ghuanach, theo-chridheach,
agus cho duilich a bhuachailleachd, cha d’ thainig riamh
am charaibh-sa.
Cha bhiodh e chum buannachd mhoir do neach ’sam
bith fios fhaotainn air na dh’ fhuiling mise air taillibh
nan creutairean gogaideach sin. Mar thuirt mi
cheana, cha’n ann air son dad a chur ri suim ar n-eolais
mu dheidhinn nadur agus abhaist nam fiadh a tha mi
sgriobhadh nan cuimhneachan faoine so aig an am, ach
a mhain gu m’ thoileachadh fein ann a bhi deanamh so
’n a chaithe-aimsire as taitniche, agus nach ’eil cho mi-
tharbhach ri bhi smuainteachadh air nithean nach gabh
leasachadh: nithean mar a tha, agus nithean mar a
dh’ fhaodadh iad a bhith.
Faodaidh mi cunntas aithghearr a thoirt seachad air
turus beag a thug mi le cuideachd na h-an-riaghailt so,
an deidh dhaibh tighinn gu inbhe dhamh agus aighean,
agus foghnaidh sin mar eisimpleir air iomadh deuchainn
eile a chuir iad am rathad. Bha ochd no naoi de choin-
eunaich againn, agus bha iad sin fo m’ churam a bharr-
achd air na feidh. Dh’ fhalbh mi, latha de na laithean, a
thoirt sraid do na coin. Cha robh iarraidh againn air
cuideachd nam fiadh, ach chunnaic iad a’ falbh sinn,
agus lean iad sinn. A nis, bha na feidh gle thoigheach
air cuideachd nan con, ach cha robh ciataich ’sam bith
aig na coin do chuideachd nam fiadh. An deidh dhuinn
dol astar latha sabaid, shuidh mi air cnocan boidheach
grianach, agus air ball bha na coin mu m’ thimchioll; a
h-uile h-aon a’ stri ri faotainn na bu dluithe dhomh na