Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
Ainmean na h-Alba
Cataibh agus a’ chuid bu mho de Ros, agus na tha ead xr
Maol Chinn-tire agus am Parbh. Anns a’ chuid as
mb de ’n duthaich sin, tha e coltach gu robh a’ chainnt
Lochlannach air a labhairt gu cumanta feadh nan ciadan
bliadhna, agus ann an Lebdhas gu ruig a’ bhliadhna
1200 no eadhon 1300 a.d. Air an aobhar sin cha’n
ioghnadh gu bheil iomadh ainm Lochlannach air feadh
an taobh tuath, eadar eileanan is mhorthir. Ann an
Lebdhas ged tha gu lebir de ainmean Gaidhealach, tha
iad sin uile, mar their sinn, nodha: cha’n ’eil bias nan
seann ainmean orra. Ach ged sharaich na Lochlannaich
na Gaidheil, bha iad ’nan daoine cruadalach, daoine
air nach robh eagal idir. Bha na seann Ghaidheil iad
fhein cruadalach, agus cha robh na Cruithnich na bu
taise. Agus c’aite anns an Roinn-Ebrpa am faighear
daoine na’s cruadalaiche na Gaidheil an latha ’n diugh,
daoine d’ am b’ eiginn riamh an ceann a ghleidheadh
leis an laimh dheis, sliochd nan Cruithneach, nan seann
Ghaidheal is nan Lochlannach ?
II.
Bho na thubhairt mi cheana, faodar a thuigsinn gu bheil
ainmean nan aitean a’ cuir soluis ann an iomadh dbigh
air seann eachdraidh ar duthcha. Tha iad a’ leigeil ris
ainmean nan treubhan a bha gabhail comhnuidh ann an
Albainn bho shean, agus nan aitean anns an robh iad
a’ fuireach. Gheibhear na Cataich ann an Cataibh,
agus na Goill (i. na Lochlannaich) ann an Gallaibh mu
thuath agus an Gallaibh mu dheas agus an Innse-gall.
Tha na Cruithnich air an cuimhneachadh ann an Airigh
nan Cruithneach anns a’ Chomraich, agus ann an aitean
eile. Tha a’ Ghaidhealtachd fhein a’ ciallachadh duth¬
aich nan Gaidheal, agus tha Earra-ghaidheal a’