Skip to main content

‹‹‹ prev (48)

(50) next ›››

(49)
A inmean na h-Alba
33
AINMEAN NA H-ALBA
[Sgriobhadh na h-earrannan a leanas le fear-
deasachaidh an leabhair so.]
Tha mi cur romham aig an am so facal no dha a
egriobbadh mu thimchioll ainmean aitean na h-Alba, ni
nach ’eil cho furasda dheanamh ’s a tha cuid an duil.
Their cuid gu’m b’i a’ Ghaidhlig ceud chainnt ar duthcha,
agus gun teagamh tha a’ Ghaidhlig air a labhairt ann an
Albainn bho chonn iomadh ciad bliadhna, agus gu mu
fada mhaireas e mar sin ! A bharrachd air sin, fear ’sam
bith a ni rannsachadh is mion-sgrudadh air ainmean nan
aitean ann an Albainn air fad, is gann gu bheil
siorramachd no eadhon sgire eadar Tigh Iain Ghrbt an
Gallaibh agus na Banna anns nach faigh e Ach- no Bal-,
agus faodar bhi cinnteach far a bheil iad sin a nis, gu robh
a’ Ghaidhlig agus na Gaidheil uaireigin, mur ’eil iad ann
le cheile fhathast. Ach a dh’ aindeoin sin, tha gu lebir
de ainmean—a mach air ainmean Lochlannach agus
Sasunnach—nach urrainn duinn a radh aona chuid
gu’m b’i a’ Ghaidhlig bu mhathair dhaibh, no gu’m b’e
Gaidheil a thug iad air na h-aitean. Tha fios againn
bho sheann eachdraidhean gu robh sluagh anns an
duthaich so ris an abradh na Gaidheil Cruithnich—is e
Piocaich a b’ainm orra ’nam measg fhein—fada mu’s
d’thainig na Gaidheil, agus a thaobh nan Gaidheal
fhein, is e tha daoine foghluimte ag radh, nach do chuir
Gaidheal riamh a chas air foid Albann nach d’thainig
air eathar a chuir a mach bho chaladh Eireannach. Dh’
3