Skip to main content

‹‹‹ prev (45)

(47) next ›››

(46)
30
Duatharachd na Mara
rium fhein, ‘ Cuiridh mise mo chluas air a’ gheall gur
li-e th’ ann Tobar-Mhoire ris na speuran, agus gu dearbh
cha b’ iongantach ged bhitheadh, is na soluis aca muigh
air na sraidean fein.’ Ach ’san fhacal thainig ise—oix is
i fhein a bh’ ann—timchioll Rudha Aird-na-nrarchann,
is cuirear a ceann air Eige—agus a Thi Mhoir, is i
dh’fhalbhadh! Agus bha sinne ’nar dithis is ar n-anail
’nar n-uchd, is ar cridhe leum as a chochall, is fios is cinnt
againn mur bathadh sal gu loisgeadh teine. Ach, eudail
nam fear, cha robh an uair air tighinn, agus am prioba
na sula bha bheist seachad oirnn, is i ’na caora dearga o
’toiseach gu ’deireadh, o ’bord-uisge gu barr a croinn.
Is Ni Maith ’gar seunadh, bha fear fada caol dubh oirre,
is fidheall ’na dhorn, is e sior-chluich ’s a’ leum ’s a’
lasganaich—agus, O Mhoire ’s a ghraidh, b’ uamhasach
fhein an raoiceil a bha gu h-iosal. Is c’ ait’ an tug i oirre
’na dheidh sin? Aig an t-Sealbh tha brath—ach an
sealladh mu dheireadh a fhuair sinne dhi, bha i mach
an Caol Canach, is an Cuan Siar fo ’sroin.
Cha lean sinn i na’s fhaide an trath-sa, ach gu
cinnteach is iomadh uair a b’ fhiach i ’leantainn, ’nuair
bhiodh teine nan eucorach as, agus a guala gile mar a’
ghrian, is i deanamh airdeachd gu Tir nan Og, no gus
na h-Eileana-sgeoil eile, an t-Eilean Uaine, an t-Eilean
Sorcha, Innse Geala nan Ra-soluis, Eilean nam Fear
Fial Fionn. Gun teagamh tha eileanan eile ann nach
’eil idir cho taitneach riu sin—Eilean na Fiacais, far an
teid luchd nan teanga fada; Eilean na Duibhre, far an
teid farmad is droch shuil; is Rocabarraidh fo Thuinn,
taobh siar Bharraidh, far a bheil na h-alla-bheistean
mora a’ sior-dhealbh uilc an aghaidh a’ chinne-dhaonna.
Mar dh’ eirich do bhrataich Shil-Lebid, thainig Roca¬
barraidh ris da uair cheana, ach an treas uair