Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
18
Duatharachd na Mara
Bha i ’gam frithealadh mu seaeh
Mar a ruitheas lann tro’ lasair,
Gus an do thachair Mac Cumhail an aigh
’S a’ Mhuileartach lamh ri lamh.
Agus a reir an sgeoil a flmair Iain Og He ann an
Uibhist, ged bha a’ chailleach treun bu treasa agh Fhinn,
’S bha taobh air a tholladh le guin,
Bha braon d’ a fuil air an fhraoch,
Mharbhadh a’ Mhuileartach leis an righ,
Ma mharbhadh, cha b’ e marbhadh min.
Ach chuala sinn car eile ’ga chur ’san sgeul—gu robh
febil na c iilliche mar uisge nan tonn, a’ tathadh ri cheile
an deidh gach gearraidh.
’S co-ionnan a bhi gearradh stuadh
’S a bhi gearradh feoil na Fuath,
Mar a thathas braon ri braon
Thathadh febil ri febil ’na taobh.
Ach cha ruig sinn leas dol gu Iain Og He no gu Uibhist
a dh’ fhaotainn deireadh an sgebil—tha e ’ga aithris fein
a latha ’s a dh’ oidhche. Cha mhaireann Fionn no
Oisean, ach tha ’n Cuan Siar an sud fhathast, a’ traghadh
’s a’ lionadh, ma chaill no nach do chaill a’ Mhuileartach
a ceann.
Ach tha aon ni ann as fheudar aideachadh a thaobh
a’ chiiain, gu bheil i air fas leasg ’na sean-aois, ’s nach
trie a chithear i nis an taobh a muigh d’a criochan fein.
’S tha sgeul air sin cuideachd. ‘ O chionn linnte fada
fichead,’ arsa sgeulaiche Eigeach, ‘ bha daoine mar na
faoileagan is cha robh bathadh orra, ’s o Thraigh Bhain
Mhuideart gu dol fodha na greine—’s a Thi Mhoir, is
fhada sin air falbh!—cha ’n fhaighteadh gille-turuis
do ’n chuan an geodha no ’n doimhne; agus ma bha