Skip to main content

‹‹‹ prev (46)

(48) next ›››

(47)
AM MEASG NAM BODACH.
43.
UIDHIST A TUATH.
Leis an Urr. Niall MacDhomhnuilIt.
Nach ’eil an ceann teagaisg so a’ toirt ’nar cuimhne
na daoine gasda a b’aithne dhuinn agus air an cualar
iomradh ann an laithean ar n-6ige. Bha seann duine
c6ir againn ann an Uidhist—Iain Mac ’Ille losa, aig an
robh mar chleachdadh mu’n rachadh e ’steach do thigh
sam bith seasamh air an starsnach far an toireadh e
dheth a chomhdach cinn, agus theireadh e beag ris fhdin,
“gu’m beannaicheadh Dia an Tigh so ’s na bheil ann.”
Bu mhafh leamsa mata, ’s an dol a mach guidhe an
t-seann duine chbir so a chur a dh’ionnsuidh gach dachaidh
anns am bi mo ghuth air a chluinntinn an nochd.
Bithidh sinne a chaidh altruim agus krach ann an
dachaidhean anns an robh blathas is coibhneas a’
riaghladh, gu trie a’ smaoineachadh air laithean sona ar
n-6ige, agus air na seann daoine grinn a b’aithne dhuinn.
Air mo shon fhein is bitheanta leam a bhi ag gabhail
turuis air eathair na cuimhne a null do dh’Uidhist a chum
a bhi ag iirachadh m’eolais air na bodaich. Bho chionn
beagan laithean bha mi ’nam measg a ris, agus tha mi
a’ dol a dh’innseadh dhuibh-se an nochd beagan de na
dh’innis iadsan dhomh-sa. Ach mu’n teid mi air
m’aghaidh feumaidh mi a radh mu’n deidhinn gur
iomadh uair a bhios e ag cur ioghnaidh orm, a
dh’aindeoin ’s cho beag is a bha aca de chothrom, cho
farsuing is cho domhain is a bha an eblas, cho geur ’&
a bha an comas breithneachaidh agus cho ealanta
cothromach is a bha am briathran aig gach am.
Tha cuimhne agam aon fheasgar ann an tigh brathair
mo sheanair, sean Aonghas Camshron, agus e mach gu