Skip to main content

‹‹‹ prev (40)

(42) next ›››

(41)
AM MEASG NAM BODACH.
37
An uair a rachadh na bodaich—gillean luthmhor anns an
dm ud—air tir air a’ chreig, a’ cheud rud a dheanadh iad,
b’e an siiil fhaotainn air sgarbh-na-h-aire. Bhiodh esan
daonnan air binnein na b’&irde na an corr, agus b’e
faotainn chuige mu’n toireadh e gorc-rabhadh as, ris an
robh obair na h-oidhche uile gu l&r an crocbadh. An
uair a gheibhteadh esan as an rathad, cha robh ach
gabhail do’n chbrr as an leth-oir gus am biodh
feumalachd gach teaghlaich a bhiodh ri roinn do na
sgairbh fhaotainn air a sholar gu pailt is gu tomadach.
Tha gnath-fhocal againn an Colla gur ann “air na
toraidhean is air na bainnsean a bhiodh an cairdeas ’ga
chuimhneachadh. ” G16 thric, is ann orra mar an ceudna
a bhiodh na seann chaonnagan air an ath-iirachadh, agus
aicheamhail ’ga shireadh. Bha iomradh aig na bodaich
air aon toradh a bha an Cill-Ionnaigh, agus mu’n do sgaoil
a’ chuideachd, bha c6ig fir-dheug as an leintean “a’ toirt
am mach an aicheamhail is a’ togail na h-dirig. ” Is e
“Mac-na-Braiche” a b’aobbar air a leithid so de
mhi-stuamachd; agus is math gu’n d’thainig caochladh
air na cleachdaidhean sin.
B’e “Mac-na-Braiche” mar an ceudna a reir namj
bodach, a b’aobhar gu’n do sguireadh de chluich na pioba
air na tbraidhean; ach chan ’eil sin ro fhada air falbh
idir, ged a bha e roimh mo latha-sa. Bha bodaich a
chunna mise iad f&n air an tiodhlachadh mu dheireadh
air an robh a’ phlob air a cluich an Colla. A reir na
h-iomraidh a bha aca-san, is coltach gu’n d’thugadh tuille
’s a’ chbir de na bha anns a’ phige do Dhbmhnull Mac
Pheadarais, an curaidh a bhiodh air ceann na piobaireachd,
agus an uair a thug an giiilan ceum le bruthach, sios le
Bealach an Fhraoich, far am biodh a’ chumha—“Cha tig
M6r mo bhean dhachaidh,” am bitheantas—is iad an nis