Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
AM MEASG NAM BODACH.
31
dol a leigeil le Sasunnach a leithid de tMmailfc a chur
air Albainn ague thog e air a chosg fhdin an deagh thigh
sgoil a tha againn ann an I. Gu de a th&ining ris an
airgiod a chruinnich Leigh Richmond? Thugadh e do’n
chomunn a bha craobh-sgaoileadh a’ Chreidimh
Chriosduidh anns a’ Ghkidhealtachd. Is e sin an t-airgiod
a thog an leabhar-lann briagha faisg air an tigh-sgoile agus
a bharrachd air sin, a tha ’ga dheanamh comasach
leabhraichean lira a cheannach a chum pilean agus eblas,
cho math ri toileachas-inntinn, a thoirt do mhuinntir I.
Is ann an tigh coimhearsnaich a bu trice a bha mise
air chdilidh, Tigh Iain a’ Chnuic. A’ socrachadh bac
easgaid air suidheachan, thoisicheadh esan mar so “Tha
muinntir I ag gearan gu’m bheil iad air an sarachadh ag
cur cruidh agus chaorach gu ruagadh. Nach ’eil faidhir
ann am Bun-easain aig Bealltuinn agus aig Lunasdail;
agus an Dun&ra a’ toirt an cuid chaorach agus an uan
g\6 sgiobalta do Ghlaschu. Chan ionann sin agus an
t-allaban a bh’air daoine ri mo chuimhne-sa. Cha robh
annam ach am balach an uair a chaidh mi le Domhnull,
brathair m’athair, do’n Eaglais Bhric. Bha sinn ag iomain
buaile de chrodh dubh—crodh seasg, crodh gamhnach,
daimh agus aighean. Thug sinn troimh an ghleann mh6r
iad, agus cha robh sin ach toiseach sapthrach. Thug sinn
aiseag dhaibh o Budha-an-Fheurain, do Chearara agus
thar caol Chearara do Lathuma. Bha sinn ag cur
seachad oidhche aig Tigh-an-Uillt, ag cadal ann an
fasgadh pris, agus air ghluasad mu’m blaiseadh an 16n
dubh an driuchd. Bha punnd no dh&. de mhin choirce
againn ann an sgirb a’ bhreacain. Bha cupan fiodha agus
Spain adhairc aig cuid ach chunnaic mi fear a’deanamh
fuaraig ann an skil a bhroige agus ag imlich a bhilean
’na deidh. Le burn &s an t-sruthan rinn sinn bruthaist