Skip to main content

‹‹‹ prev (169) Earrann 11, Ceud Mios an Fhoghair, 1921Earrann 11, Ceud Mios an Fhoghair, 1921

(171) next ››› Page 163Page 163

(170) Page 162 -
162
AN DEO-GREINE.
cuisean. Tha e soirbh gu leor an aitreamh
a leagail am broinn a chdile, ach chan ’eil
e cho soirbh te eile a thogail ’na h-kite. A
rithis mothaichidh sinn rud-eigin de spiorad
an dubhachais ag iathadh mun cuairt air
cuid. Bu choir fuadach a chur airsan, oir
is beag feum a rinn e riamh do’n dream a
ghabh nithean cudthromach as laimh.
Aig M6d Ghlaschu (1907) chuireadh an
t-urram air Mgr. Mac PMil an braid
abhaisteach a labhairt. Rinn e sin gu
snasail an Gkidhlig chruaidh, bhlasda
Thiristeach. Seo agaibh stiall no dha de na
thubhairt e: —
“Tha buaidhean-dusgaidh a’ Chomuinn
Ghaidhealaich gun teagamh air am faireach-
duinn a nis anns gach aite, fathast chan ’eil
am fonn no an durachd mar bu choir dhaibh
a bhi anns gach G&idheal tuigseach aig a
bheil flor mheas air a chanain agus air a
dhuthaich. Tha da rireadh a’ mhuinntir
aig a bheil fior mheas air an cainnt is air an
cliii mar Ghaidheil na’s gainne na tha gu
lebr am beachd. ” C6 is coireach ? An e an
Comunn Gaidhealach ? Chan e. Chan b’e
sin ach a bhi a’ cur na diollaide air an each
che&rr. “Tha sinn,” ars’ am ministeir
cbir, “an tim diisgadh suas, agus cuisean a
leasachadh ma tha soirbheachadh mair-
eannach gu bhi againn.” Sin dlreach a
cheart rud tha an Comunn a’ deanamh. Cha
d’thainig dusal cadail air o thoiseach, agus
an diugh tha e ’na lan dhuisg. Mur d’rinn
e gach ni ris an robh duil aig daoine,
abramaid am briathran Mhgr. Mhic Phail,
“chan ann an aon la a nithear na h-uile
rud.” Nach e seo cainnt neach nach do
thrbig a cheud ghradh? Tha mi lan chinnt-
each gu bheil e air an aon rkmh an diugh sa
bha e an uair ud, agus nach bu mhaith leis
lideadh a bheireadh cron do chanain a
dhuthcha a rkdh.
* * *
Chriochnaich e ’oraid leis na focail a
leanas:—“Diiisgibh suas a Chlanna nan
Gaidheal, cruinnichibh an ceann a cheile,
agus gleidhibh ar coir-bhreith.” “Is e ar
cbir a bhi duthchasail agus dlleas; agus ann
an aonachd agus an dlcheall, saoireachadh
air son ainm agus buannachd na tire d’am
buin sibh.” “Is e aonachd, cruth-
shuidheachadh, agus craobh-sgaoileadh, tri
nithean a dh’fheumas an Comunn a
ghleadhadh do ghnath an sealladh, chum ’s
gum bi slth is soirbheachadh ’na mheadhon
agus trom-thoradh a’ teachd o shaothair."
Nach flrinneach, gasda na briathran sin?
Cho-dhuin e leis na sreathan seo: —
“Seasamaid gu duineil dlleas,
Cuimhnicheamaid air tir a dh’fhag sinn;
Gun ar cainnt theid sinn air di-chuimhn’,
Is caillear seilbh air tir nan ard-bheann;
Ach ma sheasas sinn r’a cheile,
’S a bhi treubhach mar a b’abhuist,
Tir ar gaoil a chaoidh cha treig sinn;
’S cha tig biginn air ar canain. ”
Is feairde sin a bhi ag ath-aithris briathran
cothromach.
ARDACHADH NA GAIDHLIG, AGUS
NA SOCHAIREAN A GHEIBH SINN
TROIMH EOLAS OIRRE.
LE SEUMAS MAC THOMAIS, STEORNABHAGH.
(Choisinn seo an dara duais aig
Mod an Obain an uiridh.)
_Cha ni cliuiteach e, ged is fior e, gur e chuid
as lugha de shluagh Stebmabhaigh, baile
mor Innsegall, agus am beachd nan
eileanach, priomh bhaile na G&idhealtachd,
a tha comasach, no dh’iarradh ged bhiodh
an comas aca, eachdraidh an ama thoirt
seachad ann an G&idhlig fhileanta, neo-
eisimeileach air canain nan Gall. Ceum air
cheum tha ’Bheurla a’ fosgladh aite di fein
ann an cridhe nan Gkidheal, tha i sgaoil-
eadh troimh ghlinn is shrathan, tha i
cuairteachadh nan eilean as iomallaiche ’s a
Chuan Siar mar an tonn ciar-ghorm tha ’g
an taladh gun tamh, agus tha a’ cheud
chainnt ag call a blais. Cha chluinnear i
mar b’abhaist moch-thrath agus feasgar air
iomadh cagailt. Cha ghluais milseachd a
ciuil fonn an cridhe an oganaich mar air
tus. Cha chluinnear cho trie feadh mhonadh
is shliabh bran gaoil na guanaig a’ snamh
air osag an t-samhraidh. Cha bhrosnuichear
gu ionad cur an iubhrach le iorram-cuain
ann an cainnt ar cridhe fein. Tha iomadh
cleachdadh a bha sniomhta ann am beatha
nan Gaidheal a’ teicheadh air falbh mar
dh’eireas an cbo thar mhullach nan sthc aig
teachd na greine, agus ’nan cuideachd tha
cainnt nan athraichean a’ dol am muthadh.
Tha ni so fior thaobh mbran de bhailtean
beaga agus mbra na Gkidhealtachd air fad.
Gun teagamh ’s i Ghbidhlig as bitheanta tha
air a labhairt fathast ann an taobh a siar
na diithcha, agus anns na h-eileanan is
gann gu bheil nl air a labhairt ach i. Ach
is ann tearc tha iadsan as urrainn Gaidhlig