Skip to main content

‹‹‹ prev (73) Earrann 5, Ceud Mìos an Earrach, 1921Earrann 5, Ceud Mìos an Earrach, 1921

(75) next ››› Page 67Page 67

(74) Page 66 -
66
AN DE0-GR1SINE.
thuathanaich mh6ra an seilbh air barrachd
is aon ghabhaltas. Tha iad seo an comhn-
uidh a’ cumail a mach gu bheil an rian seo
gu feum na Rioghachd, a chionn gun tog iad
tuille barra dhiubh, agus nan racbadh am
briseadh. ’nan gabhaltais bheaga, deir
iadsan, cha bhiodh ann ach call. Ach, mar
tha a’ sean-fhacal ag radh, “ tha da thaobh
air bat’ an aisig ”; tha da thaobh air a’ cheist
seo, agus tha e fhathast ri dhearbhadh nach
paidh gabhaltais bheaga. Feumaidh daoine
bochda beo-shlainte chothachadh, agus ma
tha iad riaraichte le gabhaltais bh'eaga a
chum na criche sin, cha ghabhar bacadh a
chur orra. Gun teagamh feumaidh na
gabhaltais a bhi de mheudachd chuimseach a
chum teaghlach 6g a thogail gus an ire anns
am fag iad an nead gu cearnan eile, ’s e sin
r’a radh, mur am faigh iad cosnadh freag-
arrach faisg air an dachaidh fhein. Nach
cuala sinn uile mun t-soirbheachadh tha
leantuinn saothair nan Lochlannach, is
aitean eile air cbrsachan siar na h-E6rpa?
Tha iadsan buidheach le am beo-shlainte o
ghabhaltais bheaga. Chan ’eil an cuid fear-
ainn na’s toraiche ’na ghne na fearann
Albainn; a reir cunntais ’sann a tha e na’s
miosa, ach tha iad air leth dichiollach agus
sgileil ’ga oibreachadh. Dh’fhaodadh muinntir
na Gaidhealtachd a bhi, a h-uile buille, suas
ris na Lochlannaich nam faigheadh iad
cothrom air innealan-giulain freagarrach do’n
duthaich a chum toradh an gniomhachais a
chur gu margadh.
Tha cuid ’nar measg a’ deanamh a mach
gun d’thainig a leithid a char air caithe-
beatha an t-sluaigh an diugh ’s nach sasaich
obair fearainn oigridh ar la, a chionn gu bheil
iad a’ tuiteam fo thaladh nam bailtean mora
mu dheas. Feumar aideachadh gu bheil
roinn de’n fhirinn anns a’ bharail seo. Ma
tha a’ Ghaidhealtachd ri cothrom na Feinne
fhaotainn a dh’ aithghearr, feumar rudeigin
a bharrachd air gabhaltais bheaga a thoirt
dith. Feumar innleachd air choireigin a
dheanamh a chum gum faigh an sluagh doigh
air siubhal o aite gu aite, agus nach bi iad
mar phriosanaich an glinn fad o chala, no
o chearnan anns a faigh iad cothrom air
goireasan feumail fhaotainn. Far nach bi
reic is ceannach cha bhi moran adhartais.
Ach’s i cheist as cudthromaiche tha fo ar
comhair an drasda cor nan saighdearan,
maille ri roinn eile de’n t-sluagh. Chuir
cbrr agus coig mile saighdear aslachadh a
stigh gu Bord an Aiteachaidh air son fear¬
ainn, ach cha d’fhuair ach sia ceud diubh
cobhair. Thatar ag radh gu bheil am Bord
a’ deanamh na’s urrainn iad, agus eadar cion
airgid, Parlamaid is uachdarain, gu bheil iad
“ eadar a bhaobh ’sa bhuarach.” Chan fhios
dhomhsa ciod tha cearr; tha rudeigin a’ dol
tuaitheal, is tha na saighdearan a’ fulang.
Cha ghabh cuisean a chur air doigh gun
tuilleadh airgid. Thuig ar luchd-raighlaidh,
mu dheireadh, nach gabhadh a sheachnadh,
agus chaidh an t-suim a chuireadh air leth
an toiseach a mheudachadh o £350,000 gu
£1,080,000. Nach goal airidh na saighdearan
air an earrainn as mo de seo? Na di-
chuimhnicheadh iad gu bheil e mar fhiach-
aibh orra an agartais a chur fa chomhair
Bord an Aiteachaidh roimh a’ cheud la de’n
Mhart am bliadhna.
An uair a theid na gabhaltais bheaga a
chur air doigh gu rianail, ’s i an ath cheist a
thig an uachdar a thaobh na Gaidhealtachd
gniomhachais a fhreagras do’n duthaich, oir
cha bhi a h-uile, neach an toir air fearann.
Tha muthadh a’ tighinn mean air mhean air
beatha na Gaidhealtachd, agus cha ghabh stad
a chur air cuibhle an dain. Theid cuid de
sheann nosan a chur a leth taobh, ach
biomaid ag altrum an dochais gun gleidh ar
canain is ar ceol an t-aite a bhuineas daibh
an caithe-beatha an t-sluaigh, a dh’aindeoin
gach nos nuadh a thachras.
“ ’S i chanain as binne
Air uachdar a’ chruinne
Gu bran a ghabhail,
Gu braid a labhairt;
’S gu’n robh adh air na sebid
Leis an aill i bhi beb.”
< —
THE REVIEW ON GUTH NA
BLIADHNA.
Mr. Hector MacDougall, Glasgow, points
out that, in the Review which appeared in
our January number, the Reviewer failed to
see that the story relating to “ Na Connal-
aich ” was a mere “ ur-sgeul, ” not histori¬
cal, and had nothing to do with his own
family history. We gladly note Mr. Mao-
Dougall’s correction, and acknowledge the
sin of the reviewer.
0 —
Thoir a’ bhb do’n chaisteal, is theid i
dhachaidh do’n bhathaich.