Skip to main content

‹‹‹ prev (40) Page 32Page 32

(42) next ››› Page 34Page 34

(41) Earrann 3,  An Dùdlachd, 1925 -
An Gaidmeal
EDITOR.—Rev. NEIL ROSS, B.D., The. Manse Laggan, Kingussie, to whom all literary communications
should be addressed; business and other communications to 114 W. Campbell Street, Glasgow.
Telegrams—Runaire, Glasgow. Telephone—Douglas 1097.
Leabhar XXI.J An Dudlachd, 1925. [Earrann 3
BEUL-AITHRIS AIG A’ MHOD.
Aig na M6id mhora chan eil beul-aithris
a’ faotainn aire gu leor. Tha an luchd-
eisdeachd ro thearc an coimeas ri luchd-
^isdeachd na seinn. Bha cunnart mor gu
robh am Mod a’ fas ’n a chuirm cbiuil a
mhain. Ach tha dleasdanas araidh aig a’
Chomunn do ’n Ghaidhlig. Is e sin gum bu
ch6ir do ’n Chomunn a bhi gle eudmhor
gum biodb a’ chanain air a labhairt gu
h-eagnuidh. Chan eil meadhon ann is
fearr gu so a chur an gnlomh na comh-
fharpuisean na beul-aithris. O cbionn
iomadh bliadhna a nis tha na comh-
fharpuisean ud a’ fks nas laige agus nas
laige—agus car son? Tha a chionn nach
eil an oigridh agus ha h-inbhich a tha a’
tighinn gus na deuchainnean so a faotainn
misnich mar bu choir dhaibh fhaotainn. Is
iad so na comh-fharpuisich a tha ag
ionnsuchadh na Gaidhlig iad fhein; a tha ’g
a labhairt mar is fhearr is urrainn iad; agus
a tha aig a’ cheart am a’ nochdadh do
rnhuintir eile ciod e loinn agus beartas na
Gaidhlig. . Mar sin is airidh iad air a
h-uile cothrom fhaotainn, aig a’ Mhod.
Bu mhath learn aobhar no dha a chur sios
gu bhi a’ sealltuinn gu bheil an tagradh so
reusanta. Tha aithris chothromach a cheart
cho luachmhor an diugh is a bha i riamh.
Tha alt na cainntearachd pailt cho buadh-
mhor ri alt na seinn. Tha aithris ealanta
a’ giiilan cudthrom am Parlamaid, an ciiirt
lagha, anns a’ chrannaig, agus anns na
sgoiltean air fad. Ach ciod e am math a
bhi an duil gu bheil kite aig Gkidhlig anns
na h-ionadan sin, a mach o an chrannaig a
mhain, agus sin airson beagan bhliadhn-
naichean fhathast? Mo chreach is i sin an
truaighe, gu bheil tuar a’ bhkis air a’
Ghkidhlig bhochd, gu bheil i ’g a dearmad
gu m6r, agus gun luchd a cabhair ag amas
air na cungaidhean a chumadh suas a
beatha. Ach a mhic a’ Ghaidhil aig a bheil
an fhlor fhuil uasal agus shaor a’ bualadh
fhathast ann ad chuislean, tabhair fainear
gu robh a’ Ghaidhlig aon uair gu be6 buadh-
mhor anns gach ionad a dh’ainmich sinn;
agus dh’ fhagadh agad mar dhileab a’ bhuaidh
a bhuineadh do’n Ghaidhlig gu smuaintean
shuspainneach a chur an c2ill. Chaidh an
dlleab sin a thiomnadh dhuinn troimh na
seanachaidhean. Is e beul-aithris aig a’
Mh6d an aon dul a tha ’g a ar ceangal
fathast ri linn nan cainntearan Gaidhealach;
agus ma bhrisear an dul sin caillidh sinn an
dlleab gu cinnteach is gu h-iomlan.
Chan eil an teagamh as lugha nach e alt
na h-aithris aon mheadhon cho eifeachdach
is a b ’urrainn an Comunn a chleachdadh gus
a’ Ghaidhlig fh&n a chumail suas. Tha
seinn taitneach agus feumail gus na seisdean
a ghleidheadh air chuimhne. Ach is coir a
chantuinn nach eil ach beagan fhacal anns
an da rann a sheinneas na comhfharpuisich.
Agus faodaidh gum hi an da rann sin air
an seinn fichead uair an deidh a cheile leis
gach neach. Mar sin fad na h-uine chan
eil an luchd-eisdeach a’ cluinntinn ach
beagan fhacal, a dh’ aindeoin cho taitneach
is gam hi na guthan. Cuimhnich mar sin
gur e gle bheag de ’n chanain mar chanain,
a tha muinntir a’ cluinntinn aig comh-
fharpuisean na seinn. Ach chan ann mar
sin idir a dh’ &rich do ’n aithris. Far a
bheil fear labhairt fileanta ri rosg no rann,
tha na ceudan facal air am bruidheann gu
grinn snasmhor; agus tha a’ chuideachd a
tha an lathair a’ gabhail tlachd as ur de