Skip to main content

‹‹‹ prev (195) Page 171Page 171

(197) next ››› AdvertisementsAdvertisements

(196) Page 172 -
172
AN GAIDHEAL.
An Lfinasdal, 1929.
air an eilean. Tha’n t-eilean air ainmeachadh
air Fraoch, seann laoch Ceilteach. Bha Fraoch
bed ri linn Ban-Righinn Madhbh no Maebh.
An litreacbas nan Sagsonnach ’s e “ Queen
Mob ” a tbeirear rithe. ’Na gne bba suaip
mhath aice ri Hera, bean Skuis, agus bha
Fraoch gle choltach ri lorcal air doigh. Leugh
mu lorcal agus mu Nigheanan an Fheasgair
(Hesperides) an litreachas ealanta sam bith.
Tha e ’na ni anabarrach annasach cho coltach
ra cheile’s a tha na sean ur-sgeulan Ceilteach,
agus an fheadhain Ghreugach no Inseinneach.
Bhiodh an sluagh ’g an innseadh da cheile,
agus ghleidheadh cuimhn ’urra fad cheudan,
no mhiltean bliadhna, mu’n deach an cur an
sgriobhadh.
Bha Fraoch ’na dhuin’ eireachdail, calma
agus treun, agus thuit Ban-righinn Maebh
an trom ghaol air. Ach bha Fraoch mar a
bha, an gaol air nighean na Ban-righinn,
Geal-chean an Fhuilt Chraobhaich, agus thug
Geal-cheann a gaol da. ’Nuair thuig a’ bhan-
righinn so, ghabh i miolachd, agus thog eud
innte. Leis an sin chuir i mu reir a chum
innleachd a dheanamh leis an cuireadh i Fraoch
gu bas.
Chuir i fios air, agus thuirt i ris gu robh i
anabarrach tinn, ’s nach robh a leigheas ann,
ach badan de na dearcan draoidheachd a bha
cinntinn air a chraoibh chaoirinn am Fraoch-
Eilean. Bha a’ chraobh a’ cur barr mheas di a
h-uile mios, agus ge b’e neach a dh’itheadh de
na dearcan dearg ’ud, rachadh bliadhnachan
r’a aois agus shlanuicheadh iad a neach a bhiodh
leointe. Ach bha’ chraobh air a freiceadan
le nathair-nimhe, no uile-bheist.
Thuirt Fraoch ns a’ bhan-righinn nach do
dhiult e riamh iarrtus bain-tighearn ghrinn,
ge b’e air bith cho cunnartach ’s a bhiodh e.
Chaidh e gu cladach Loch Odha agus shnamh
e nunn gu’n “ Eilean Gheasach.” ’N uair a
rainig e’n cladach thall, cha robh sion ra fhaicinn.
Bha samhchair mu’n cuairt. Dh’ imich e
feadh leapannan de bhuga, is de fhraoch, is e
’g a fhaireachduinn fhein trom slaodach. Gu
h-aithghear mhothuich e do’n chraoibh dhraoid-
heachd, agus an nathair ’na cadal foidhpe,
’s a ceann sinnte ’suas ri stoc na craoibhe.
Gu faicilleach, samhach spion e leis badan de
na dearcan dearga, agus shnagain e air falbh.
Shnamh e gu tir, agus chaidh e far an robh a’
bhan-righinn’s i ’na laighe. Cheil i air mar a
bha i air a mealladh nach do rinn an nathair
a dleasdnas.
“ Is math a rinn thu,” ars’ ise, ach ma’s
miann leat an tuilleadh urraim a chur orm,
rach air t-ais agus beir chugam a’ chraobh gu
h-iomlan, le a’ cuid mheasan uile. Am bi
eagal ort sip a’ dheanamh air mo shop ? ”
Cha robh aop pi ann a chuireadh sgath am
Fraoch. Aon uair eile chaidh e sios gu’n Loch,
ach an uair so ’na eadadh cruadhach dealrach,
agus a chlaidheamh mor ’na ghlaic. Chur e
’churachan air bhog, agus dh’iomair e nunn
thar na linne dhomhain dhobharra. ’N a
seasamh fo chraoibh dharaich air a’ chladach
a dh’fhag e ’na dheigh, bha maighdean an
fh’jilt chraobhaich, a’ feitheamh le eagal ’s
le uamhas, ciod e mar a’ rachadh do Fhraoch,
a leannan air an turus chunnartach so.
Aon uair eile chaidh Fraoch air tir air a’
chladach chreagach ’s a chlaidheamh mor
ruisgte ’na laimh. Sguir torman na gaoith,
agus mar a thachair da an toiseach, dh’fhairich
se e fhein a’ fas trom lunndach.
Rainig e ’chraobh am meadhon na coille,
ach nathair cha robh ra faicinn. Spion e a
chraobh as a bun, le neirt an fhamhair, gach
freumh, ’s gach meas, ’s gach eile, agus rinn
e air a’ chladach. Gu h-obann chunnaic e
eadar e’s am bata aon lub de chom na nathrach,
ag eiridh nios as an fheur mhor. An ceann greis
thainig a ceann ris, agus a teanga ag iomairt
a mach ’s a stigh ’na beul cho luath ris an
dealanach. Thug an uilebheist ionnsuidh ghuin-
neach air uchd-eideadh Fhraoich, ach cha do
rinn i cnead air. An sin thoisich comhraig
sgaiteach. Tharruing Fraoch a chlaidheamh
gu clis, ach bu chlise na lann-san, gath na
nathrach. Air a cheann mu dheireadh shuain
a’ nathair i fein ’na duail mu chasan Fhraoich,
agus chaidh druim an laoich ri lar. Chaill e
greim air a’ chlaidheamh, agus am priobadh
bha e air a chrioslachadh leis na luban a bha
sior theannachadh uime gus an robh eideadh
cruadhach a’ dol ’na fheoil. Lasaich an uile¬
bheist a ceanglaidhean car tiotan, ’s i cinnteach
as a seilg. Mar an dealan fhuair Fraoch a
lamh dheas ma sgaoil, agus le ’bhiodag dir
reub e bru na beiste, agus sgar e ’sios am beo-
chrios a bha mar chuibhrich air a chom.
Fhuair e greim air a chlaidheamh a rithist, agus
shlaod e ’chraobh gu h-eigneach dh’ ionnsuidh
a’ bhata. Chaidh e air bord a rithist, agus a
sealltuinn as a dheigh, chunnaic e na sguinn a
rinn e de’n nathair, ’g an sniomh’s ’g an caradh
fhein ’s an fhraoch. Dh’fhas Fraoch na bu
sglthe ’s na bu sgithe, ach rinn sruth agus
gaoth comhnadh air agus fhuair e gu tir mu
dheireadh.
An sud bha nighean na ban-righinn ’g a
gualadh le bron. Chunnaic i gu’n robh e air
a sharuchadh gu goirt, agus chuidxch i e gu
lios anns a’ choillidh. An sin dh’fhuasgail i
eideadh-cruadhach agus fhuair a chreubhag
bhruite, leonta, fois.
Shuainich i a chridhe le soileagan caomb,
agus le briathran gaoil. Feadh pa h-oidhche