Skip to main content

‹‹‹ prev (190) Page 166Page 166

(192) next ››› Page 168Page 168

(191) Page 167 -
An Lunasdal, 1929.
AN GA1DHEAL.
167
BO ID NA H-AON CHIUIL.
II.
Bha mi nis a’ coimhead an adhair, oir clia
robh an corr agam a dheanainn. Ilacbainn
air mo mhionnan gu robh samhuil fardaich
tighe air aisteil nan speur; ach cha robh
dragh agam dheth. Chaill mi sealladh air
biadh is teallach, agus a’ bhean choir a’
dheasaich mo bhiadh-maidne. Cha robh ni
a dh’ordaich Dia ’nam shealladh ach eisdeachd,
—eisdeachd ri carbaid na h-aon-uair-deug.
An am ciaraidh an fheasgair dh’eirich mi
air mo chasan, gun fhios agam ciamar, no
carson, agus thill mi an taobh as an d’thainig
mi; bha mi coimhead na gealaich cruinn
ag eiridh ’san airde deas.
Ach ged' a bhiodh a’ghealach air cainbe is
cipean aig bonn na beinne cha chuireadh e
iongantas orm. Bha mo smuain air an te
a theich bhuam mar gum biodh i a teicheadh
o’n phlaigh. Choisich mi, mo dhachaidh re
na h-uine, ’na ’cuis-eagail. Bha Baird is
bardachd a’ ruith air feadh mo chinn, agus eun
beag a’ caireadh a spuirean air uchd clarsaich
cho ionmholta ris na caileagan teoma ud
bhithinn a’ faicinn aig co-fhairpais a’ Mhoid.
Lub mi steach a’ measg nan craobh bha
cumail ceum air a cheum ri rathad na carbaid.
Bha an te a dh’fhag mi roimhe sud air sorachan
fiodha air mo laimh chli!
“ Carson a dh’fhalbh thu cho cabhagach ? ”
thubhairt mi le ur-mhisneachd, agus mi a
suidhe ri taobh.
“ Bha mi ’na lan am,” fhreagair i greis an
deidh laimhe. “ Bha fuaim amhuil fuaim
clarsaich a’ tagra rium, mar gum b’eadh,
teicheadh.”
Mu’n do chuir i crioch air na focail bha
m’aghaidh air cridhe na gealaich bha nochdadh
le spealg-theas os mo chionn. Chaill mi mo
chuimhne, cha robh an-dearbhadh air a’ sin.
Ach bha mi am beachd gu robh i tighinn air
ais.
“ Carson a tha thu cho samhach,” thubhairt
i le guth luaisgneach. “ Ciod a th’air t-aire ? ”
“ Na focail a chuala mi air mhullach na
beinne. Chuala mi thu ag radh gu robh thu
deonach mo phosadh.”
“ Am bheil thu labhairt gu clnnteach ? ”
“ Cho clnnteach ris a’ bhas ! ” fhreagair mi
Thuit an ath-shamhchair eagalaich mu’m thim-
chioll. Ar learn gu robh amhuinn dluth orm,
agus toit ghlas a’ falbh seachad air bharr nan
craobh. Cha d’thugadh neach as mo cheann
nach robh an sofachan fiodha air an robh
mi ’nam shuidhe air chrith.
Shin mi mo lamh, agus rug mi air a coig
meuran. Ged a bha iad comhdaichte le meataig
bha iad cho fuar ri cnap deighe.
“ Ciamar a dh’iarraidh tu orm posadh agus
gun ni seasmhach ? Am bheil fios agad idir
nach tig aon a chum an t-saoghail gun leigh,
ministeir is cladh comhla ris ! ”
Cha robh nl seasmhach leamsa aig a’ cheart
am ach a coig meuran. Bha mi call seallaidh
air a briathran, ’sa cleachdaidhean, agus a
lorg neart cuirp is inntinn an ceann a laimhe.
Ach bha i falbh bhuam, lion beag is beag, le
aogaisg a’ mhairbh.
Bha dubh-bhron air geig an aiteigin. Ar
learn gu robh uaigh ’ga fosgladh, agus cuideigin
a’ caireadh deoir an dolais air a’ chiste. Bha
comhdach a’ meuran agam ’nam laimh.
“ Carson a thug thu dhiom a’ mheatag ? ”
thubhairt i, le lasadh-siiil a chuir m’fheoil
air chrith.
“ Air mo mhionnan cha tug mise dhiot i! ”
“ Ach carson a bhiodh iongantas ort, agus thu
air do mheuran a tharruing as mo laimh.
Ciod a th’ort ? Tha t-aodann mar an t-anart.”
“ Tha mi tuigsinn,” fhreagair i le ciuineas;
“ chuir an guth cianail a bha seinn am measg
nan craobh eagal orm. . . .” “ Ach cha robh
ann ach rabhadh,—meadhon, dh’fhaoidte chum
mo thearnadh.” “ Seall i ” ghlaodh i, agus i
a togail faine gu soillse na gealaich. “ Feum-
aidh an dara ceangal-posaidh agamsa a bhi am
bolg na h-uaghach; agus chan eil i trl cheud
slat air falbh ! ”
Bha mi ’ga coimhead a’ coiseachd seachad
air sgearb de na ghealaich. Ciod an t-aite de
chruthachadh Dhia 'san deachaidh a breith is
arach ?
Cha robh ceist agam ach i sud. Ma bha i
a’ cur feum air biadh is uisge bha i tur eadar
dhealaichte ruisan a b’aithne dhomh, ’sa bha
cuir feum air an da chuid.
Dh’eirich a’ ghrian ’sa mhaduinn, agus
dh’eirich mise comhla rithe. Bha mi eudmhor
a thaobh ainm na cailin, ach cha robh so an
dan. “ Tha fios agam gu’n do thachair i
riut,” thubhairt bean-an-tighe. “ Coma leat
dhith ; chan eil innte ach oinseach a’ chur a
gaol air seacharan. Bha i an ceangal—posaidh
ri cuideigin as an aite so; agus tha i smuain-
eachadh nach robh a leithid riamh air an
talamh. Chan eil ainm agamsa oirre ach
“ Boid na h-aon Chiuil.”
Tha an “ oinseach ” beo fhathast,—dhomhsa,
agus bithith gus an dim am bas mo shuil.
Chan fhaic beinn na h-Oire Calum Mac-
Mhathon gu siorruidh !