Skip to main content

‹‹‹ prev (40) Page 32Page 32

(42) next ››› Page 34Page 34

(41) Earrann 3, An Dùdlachd, 1928 -
EDITOR.—Rev. NEIL ROSS, D. Lilt., The Manse, Laggan, Kingussie, to whom all literary communications
should be addressed; business and other communications to 212 West George Street, Glasgow.
Thegkams—Runaire, Glasgow.
Telephone—Douglas 1433.
Leabhar XXIV.J
An Dudlachd, ig28.
[Earrann 3
CUIMHNEACHAN.
Mu na laithean so tha cuimhne ri chumail
air a’ bhliadhna anns an d’ rugadh Iain Buinein,
an t-ughdar iomraiteach a sgriobh an leabhar
ris an canair Turns a' Chriosduidh. Tha a nis
trl cheud bliadhna o rugadh an duine so. Is
e an t-aobhar sonruichte mu bheil sinn a’
sgriobhadh mun chuis gu robh moran de shaoth-
air Iain Bhuinein air eadartheangachadh
gu Gaidhlig. Is esan aon de na h-ughdair
Shasunnach aig a robh buaidh anabarrach,
air inntinn nan Gaidheal. A mach o’n Bhiobull
fein cho robh leathar idir a bha cho measail
aig ar n-athraichean ri Turns a’ Chriosduidh.
Is ann le bhi a’ leughadh a’ leabhair ud a fhuair
moran de na Gaidheil eolas air clo, agus air
leughadh. Tha an leabhar aithnichte a thaobh
a’ chruth anns an do sgriobhadh e—cruth
comhsamhlachd. Tha an naidheachd ’g a
h-innse fo shamhladh aisling. Mar sin tha
cruth an leabhair annasach ann fhein. Ach a
thuilleadh air sin tha hrigh an leabhair priseij
do ’n inntinn thuigsich. Do ’n neach anns a
bheil crabhadh flor tha suim is seadh an Turns
a’ Chriosduidh nach faighear an leabhar sam
bith, a mach o ’n Bhiobull fein, mar thubhairt
sinn a cheana.
Bu mhaith leinn an cothrom freagarrach
so a ghabhail air facal no dha a chur slos mun
eifeachd a bha aig sgrlobhaidhean nam Puri-
tanach Sasunnach air litreachas a’ chrabhaidh
anns a Ghaidhealtachd. Bha uair no dha anns
antainig athbheothachdh air beatha spioradail
anns an taobh tuath. Chualas gu trie mu
dhusgaidhean agus urachadh anns na h-
eaglaisean. Aig a leithid sin de dh’am bhithte
a’ cur meas mor air iighdaran diadhaidh. Is
e sin an t-aobhar mun deachaidh cuid de na
leabhraichean aig na Puritanaich eadar¬
theangachadh. Chuir deagh sgoilearan gu Gaidh¬
lig oibrichean mar tha Turns a Chriosduidh ;
Gras am Pailteas; An Cogadh, Naomh; Fois
Shiorruidh nan Naomh; agus, Slabhraidh
Oir a’ chreideimh. Chan eil aicheadh nach
robh na leabhraichean durachdach sin na
meadhon air eideachadh do ’n mhuinntir a
bha ’g a’ rannsuchadh gu dlleas. Ach bha na
leabhraichean sin aig a’ cheart am a’ teagasg
beagan de bheachdan gle chumhang mu cheol
agus mu nithean eile a tha neochiontach annta
fein. Bha e aon uair na chuis uamhais do Iain
Buinein gun eisdeadh e le tlachd ri ceol nan
clag an stiopal na h-eaglais. Bha na Purit¬
anaich (ach Milton na aonar) ag amharc air
ceol diomhain mar nl mallaichte. Agus an
uair a chaidh am beachd sin a chur an Gaidhlig,
chreid moran de ’n luchd leughaidh e. Chuir
iad am beachd cumhang sin air an aon ruith ri
nithibh eile a bha ceart is cudthromach. Tha
sinn an duil gur e so is aobhar gu robh cuid de
dhaoine diadhaidh anns a’ Ghaidhealtachd cho
dian an aghaidh ciuil. Fhuair iad an teagasg
sin o leabhraichean nam Puritanach Sasunnach.
Cha bhuineadh beachd cho cumhang do nadur,
no do dhualachas nan Gaidheal fein.