Skip to main content

‹‹‹ prev (43) Page 25Page 25

(45) next ››› Page 27Page 27

(44) Page 26 -
26
AN GAIDHEAL.
An t-Samhuin, 1931
Air ruigsinn na Crianlaraich dhuinn bha
sinn runaichte air tiithag a bhi againn air an
roth thollta, oir bha e soilleir nach fhada
sheasadh an roth-caomhnaidh. Theagamh
gu’n euir e iongnadh ort a chluinntinn nach
robh duine a’ freasdal ’s an tigh-charbaid
an sin, agus seach a bhi call nine chuir sinn
romhainn deanamh air Tigh-an-droma. Is
gann a r&inig sinn drochaid an rathaid-
iarrainn an uair a thug am faghar ’s an
stadhadh ro-aithnichte sin rabhadh duinn
nach bu mhaireann an roth-caomhnaidh.
Cha robh atharrachadh fodhainn, agus nach
truagh leat sinne ’nar deann-ruith air ais gu
na Crianlaraich fo’n ghliob a bha tuiteam
a nis ’na steallan mu ar cinn, ’s sinn a’ ridhil
a’ cheud rotha-thollta romhainn, cleas
cearcall balaich-sgoile air mirean.
Ach cha robh ar fear-ceirde ri fhaotainn.
Bha e air dol gu Tigh-an-droma le eallach
febir is bha e coltach nach biodh e air ais am
feasgar ud ’s a leannan aige an sin. Sud
an naidheachd bhrosnachail a fhuair sinn bho
mhuinntir a’ bhaile a, bha nis air
cruinneachadh a’ dh’fhaicinn ath-thilleadh
nam fogarach. Dh’fhoighnich sinn an
deanadh iad ar stiuradh gu fear-ealdhain air
choireigin nach biodh cho trang ri
leannanachd- Dhiiisg so deasbaireachd nach
beag air teisteanas math agus dona gach
innleachdair mar fhichead mile mun cuairt,
agus is e _ thbinig a sin gu’n do
chomhairlicheadh dhuinn an ceannaiche
fheuchainn “aig bun a’ bhruthaich ud.”
Bha nis dorchadh nan trbth ann agus rinn
sealladh de’n dithis thruagan an ceannaiche
cbir a chur, cha mhdr, as a chiall, is iad a’
feuchainn ri roth-charbaid a stiuradh
troimh’n dorus-biitha gun char a chur ’s a’
bhunthta. .
‘‘A dhuine, dhuine. ’s mi-fhortanach sin”
arsa esan an uair a thuig e ar cks. ‘‘Tha’n
seirbheiseach agam a mach leis a’ charbad
’s a h-uile goireas aige leis.” ’S e
chomhairlich e dhuinn tadhal air Alasdair
Crotach shuas am bruthach.
Gu trom, athaiseach ’s an cathadh ’gar
dalladh thog sinn oirnn aon uair eile a’
putadh an rotha romhainn troimh’n
t-sneachd mar a b ’fhearr a dh’fhaodamaid,
gus an d’rhinig sinn tigh Alasdair, ach ma
rbinig, cha robh againn ach an gad air an
robh an t-iasg. Is ann a bha Alasdair an
deidh falbh mu dheas gu dol—seach kite !—
do’n Chuimridh air an Ik sin fein. Bha sinn
a nis air bias a’ chragain a ghabhail de gach
dkil a chuireadh oirnn, ach dh’fhkg sinn
beannachd aig bean Alasdair, ghuidh sinn
krd-shonas mios-nam-pog air a’ chkraid
leannanachd an Tigh-an-droma, beannachdan
an rathaid-mhoir air carbad a’ cheannaiche
agus cuairt an kigh air an duin’ uasal ’s a’
Chuimridh.
Mar earraig dheireannaich dh’fheuch sinn
am bothan beag a tha air iomall na Crian¬
laraich agus, Dia ’na thoiseach, shoirbhich
leinn air a’ cheann thall. Fhuair sinn
bodach biorach, murrach a stigh a ghabh an
suidheachadh fo a Ikimh gu h-iomlan air
ball. Bha chroileagan math cloinne mu’n
euairt agus cha do dhearbhadh buannachd
teaghlaich mhoir na bu ro-eifeachdaiche na
rinneadh leis a’ bhodach air an oidhch’ ud.
‘‘Uilieam! faigh soitheach ionnlaid. Bi
sgiobalta, Phkruig; ’s tusa Alasdair,
teannaibh a null am bord as an rathad.
Nuas as a’ chathair sin a Mhairearad is leig
leis an duin’ uasal suidhe.” O’n is ann
orm-sa bha shiiil rinn mi suidhe a dh’aon
phlub ’s mi air mo chlaoidh, a’ leigeil le
Beistean criibadh air an urlar leis a’ chloinn,
is iad a’ rannsachadh feadan-adhair a’
bhachaill air son tuill. Mach o Mhairearaid
chuir an teaghlaeh uile surd air comhdach a’
bhachaill a thoirt dheth. Dh’fhoighnich ise
dhiom am b’urrainn domh-sa ‘‘cunntasan”
a dheanamh. Air dhomh an comas sin
aideachadh gu diiiid thug i sgleat air lorn
agus ann am: prioba na shl a bha mi suas gu
m’amhaich a’ fuasgladh ‘‘ma thug triiiir
dhaoine da Ik a ghiulan deich tunnachan
ehreadha-leac, cia fada . . . ” ’s mar sin
slos. Cha do mhothaich mi ’n iiine dol
seachad gus an do chuir aon ghlaodh
sgalanta an c^ill gu’n robh am feadan-adhair
air a bhrebcladh gu math ’s gu ro-mhath.
Air do chuisean a bhi r^idh eadar-ruinn, is mi
ag innseadh do Mhairearaid gu’n robh an
solution aig a h-athair ’na Ikimh, thug sinn
as na buinn slos an rathad aon uair .eile, gu
h-aotrom, iollagach, agus rkinig sinn far an
robh ar Fiat meanmnach a nis ’na thorran-
sneachda.
‘‘Do chas air, a laochain!” bu chais-
meachd dhomh, ach bha drdag Bheisdein air
’a ghnoban-greasaidh mu’n gann a bha na
facail bharr mo theangan. Ghabh sinn uile
chunnartan an rathaid—am beagan a bha ri
fhaicinn dheth—agus leis an t-sneachd a’
dalladh an sgkil-ghaoithe, bu chiogailteach
da rireadh ar siubhal. Bha’m Fiat ag
itheadh nam mlltean te an d^idh te; cha
robh dlth sleamhanachaidh oirnn. A’tuirling
dhuinn sios am bruthach gu Dkil-
mhailidh thilg Beisdean suil orm, is
m’aodach mu’m chluasan ’nam, oisinn, is
diiileam tqirleum gach ceann tacain air
carragh-cuimhne Dbonnachaidh Bhkin.