Skip to main content

‹‹‹ prev (30) AdvertisementsAdvertisements

(32) next ››› Page 18Page 18

(31) Earrann 2, An t-Samhain, 1931 -
EDITOR.—Rev. NEIL ROSS, D. Litt., The Manse, Laggan, Kingussie, to whom all literary communications
should be addressed; business and other communications to 212 West George Street, Glasgow
Telegrams—Runaire, Glasgow. Telephone—Douglas 1433.
Leabhar XXVII.] An t-Samhuin, 1931.
[Earrann 2
THAR CHUANTAN.
Fhuair sinn dearbhadh aig a’ Mhbd mu
dheireadh gu bheil durachd blath cho bed an
diugh ’s a bba e riamh. Chunnaic sinn gu
soilleir ciod e cho foghainteach is a bheir
Gaidheil an gnothuch gu crich, an uair a
ghabhas iad cuis as laimh le deagh dhurachd.
Tha aon ni cinnteach. Is e sin nach b’urrainn
Mod cho soirbheachail tachairt mur b’e gu
robh tapadh is rian air an stiuir. Rinneadh
ullachadh mor gu h-drdail agus gu greimeil.
Tha sinn an duil gum bu choir an t-eisimpleir
so a chur gu buil mhaith—ciod e ghabhas
deanamh le cud is drdugh. Nam biodh an
rian foghainteach beothail so ga chleachdadh a
thaobh nam mlltean Gaidheal thall thar
chuantan, bhiodh toradh ri fhaicinn. An
deidh Mod cho ciatach ; an deidh dealas cho
dian; an deidh oidheirp cho soirbheachail—
is glic dhuinn ar n-inntinn a chur gu iomairt
feuch ciamar a bheir sinn ceum ar aghart,
gun bhi a’ seasamh anns an aon seas gu brath
tuilleadh.
****** *
Tha na Gaidheal thall thar chuantan a
cheart cho Gaidhealach ruinne. Is e an aon
spiorad a tha nan com agus an aon fhuil nan
cuislean. Tha cuid dhiubh a chum an cuid
Gaidhlig ged tha coig ginealaich o dh’ fhag
an sinnsear Alba. Chum iad greim riamh air
a’ chanain, air na sgeulachdan, na seanfhacail,
agus na h-drain. Gabhaidh an aignidhean
gluasad fhathast, gabhaidh an toil a bhrosnuch-
adh le oraid anns an t-seann chanain. Thig
tioma fathast air an cridhe, agus thig na dedir
gu an suilean ag eisdeachd ris na seann drain
’gan seinn. Agus ma tha fhios againne air
sin nach bochd an gnothuch mur cuir sinn
teachdairean a mach fo ughdarras A’ Chomuinn,
gu bhi a labhairt ri ar braithrean anns an
t-seann chainnt, agus a’ seinn a’ chiuil dhaibh
a thalas an cridheachan ? Tha e pailt cho
furasda do Ghaidheil a’ Ghaidhlig a chumail
bed am bailtean Chanada agus a tha e an
Glascho no an Lunnainn. Tha sinn a’
tuigsinn gu bheil moran Gaidhlig fhathast ga
labhairt an cearnaibh de Chanada. Bu choir
gum biodh an rian is an deagh drdugh a
dh’ainmich sinn, ga chleachdadh a thaobh
gach cearn dhiubh sin.
*******
Tha na laithean so lan iomagain air gach
laimh. Tha gnothuichean na rioghachd cho
luaineach ri gnothuichean na Gaidhlig. Ach
air an laimh eile, is minig a thachair e, gur
ann ri am cruadail a thairneas Gaidheil ri
cheile. Biodh sin flor air an turns so. Ma
fhuair sinn fios 0 aireamh an t-sluaigh gu bheil